B’ e soitheach a bha san SS Norge [ˈnoɾɡə], a chaidh a chur air bhog ann an 1881, agus a chaidh fotha ann an 1904 le call mór beatha, nuair a chaidh i air sgeir faisg air Ròcabarra, ’s i air a slighe bho Copenhagen gu New York.

SS Norge

Chaidh an long a thogail ann an Glaschu leis a’ chompanaidh Alexander Stephen and Sons, airson luchd-seilbh ann an Antwerpen sa Bheilg, agus b’ e Pieter de Coninck an t-ainm a bh’oirre an toiseach, ach chaidh a reic ann an 1889 ri companaidh san Danmhairg agus chaidh an t-ainm Norge a chur oirre.

Air 22 an t-Òg-mhios 1904 bha i air slighe bho Copenhagen, Kristiania agus Kristiansand, a’ dèanamh air New York, nuair bhuail i air sgeir le 795 duine air bòrd. Chaill 635 am beatha.

Ceanglaichean a-mach

deasaich