Windhoek
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Naimibia
Ceàrn Khomas Region
Co-chomharran 22.56° Deas
17.09° Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 645 km²
Àireamh-shluaigh 230,000 (2006)
Dlùths 356.59/km²
Àireamh fòn 061
Duilleag oifigeil windhoekcc.org.na/

'S e prìomh-bhaile Naimibia a tha ann an Windhoek,(IPA: /ˈvɪntˌhʊk/). Tha e suidhichte air taobh tuath Khomas Highlands, air an àirde an iar na dùthcha, aig 1,687m os cionn ìre na mara.[1] 'S e àite-malairt cudhtromach a th’ ann, gu h-àraidh le craiceannan-caoraich. Tha Windhoek 1,581km air falbh bho Luanda (Angola), 1,420km bho Lusaka (Saimbia), 928km bho Ghaborone (Botsuana) agus 1,175km bho Phretoria (Afraga-a-Deas).[2]

Windhoek
Windhuk

Anns na 1850mh thòisich Captain Jan Jonker Afrikaner air a bhith a' fuireach faisg air aon de na tobraichean le uisge teth, an t-àite far a bheil Klein-Windhoek (Windhoek beag) an-diugh. Ach canar gur ann aig an 18mh an Dàmhair 1890, nuair a chaidh am baile fhèin a stèidheachadh. Thòisich Von François an dùn Alte Feste (Seann Dùn) a thogail. Nuair a dh’ fàs Naimibia neo-eisimeileachd bho Afraga a Deas anns a’ bhliadhna 1990, chaidh an riaghaltas a stèidheachadh anseo.

Tha dà phort-adhair aige:

  • Eros Airport airson pleanaichean beaga
  • Windhoek Hosea Kutako International Airport, 42 cilemeatair 'san ear air Windhoek.

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Allgemeine Zeitung
  4. Sister Cities International
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: