B' e cànanaiche, sgrìobhadair, turc-eòlaiche agus faclairiche Ruiseanach/Urcàineach a bh' ann am Vladimir Ivanovitch Dal (Ruisis: Владимир Иванович Даль, Ucràinis: Даль Володимир Іванович, far-ainm: Kazak Lugansky, Luhansk, 10 an t-Samhain 1801 - Mosgo, 22 an t-Sultain 1872).[1]

Vladimir Dal
Beatha
Breith Luhansk, 10 dhen t-Samhain 1801 (Julian)
Dùthaich Impireachd na Ruise
Cinneadh Gearmailtich
Bàs Moscobha, 22 dhen t-Sultain 1872 (Julian)
Àite-adhlacaidh Vagankovo Cemetery (en) Translate
Teaghlach
Athair Johann Christian Dahl
Cèile Julie Dahl (en) Translate  (22 dhen Ògmhios 1833 -  1838)
Yekaterina Sokolova (en) Translate  (1840 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Q62018688 Translate
Àrd-fhoghlam D.M.Sc. (en) Translate
Cànain Ruisis
Dreuchd
Dreuchd faclairiche, cànanaiche, feallsanaiche, dialectologist (en) Translate, sgrìobhadair, lighiche, eitn-eòlaiche, sgrìobhadair litreachas cloinne, luchd an airm, collector of fairy tales (en) Translate, beul-aithrisiche agus ethnographer (en) Translate
Fastaichean Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Obraichean comharraichte Explanatory Dictionary of the Living Great Russian Language (en) Translate
Proverbs of the Russian people (en) Translate
Q23033949 Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Q4330299 Translate
Russian Geographical Society (en) Translate
Far-ainmean Казак Луганский
Creideamh
Creideamh Crìostaidheachd Ortodogsach
Lutharanachd

Bhuinneadh e do theaghlach eadar-nàiseanta: bha athair na lighiche às An Danmhairg agus bha seachd cànain aigesan. A bharrachd air sin, bha freumhan Gearmailteach aige a mhàthair, agus co-dhiù còig cànain aice. Bha an sgìre far an do rugadh agus thogadh e air a colonachadh le Ìmpireachd na Ruise aig toiseach tòisichidh na 18mh linn, agus chaidh Ruisis a chur an sàs ann mar phrìomh chànan anns na bailtean mòra, ach bha Ucràinis fhathast cumanta air an dùthaich. Air an iomall bha iomadh cultair beò ann agus coimhearsnachdan làidir làn nàiseantachdan mar Ghreugaich, Bulgàirianich, Airmeinianaich, Tataraich, agus mòran eile, a bharrachd air Ruiseanaich agus Urcàinich, agus iad uile a' fuireach ri chèile. B' ann fo bhuaidh a' mheasgachadh chinnidh eadar-dhealaichte seo a thogadh e.

Stèidhich Dal an Comann Cruinn-eòlais na Ruise (Ruisis: Ру́сское географи́ческое о́бщество) ann an Sankt Peterburg ann an 1845.[2] Sgrìobh e sgeulachan ann an stoidhl gu math coltach ri Nikolai Gogol agus dh'fhoillsich e agus a charaid Aleksandr Pushkin cruinneachadh sgeulachdan traidiseanta cuideachd, air an robh Русские сказки. B' e am faclair Толко́вый слова́рь живо́го великору́сского языка́ (Gàidhlig: Faclair Mìneachadh Cànain Beò Mòir Ruiseanaich) a bh' ann an obair na bh motha a rinn e. Thug a chuid obrach buaidh làidir air Vladimir Nabokov agus Aleksandr Solženicyn.[3]

Iomraidhean deasaich

  1. Blagova, G. F. (2001). "Владимир Даль и его последователь в тюркологии Лазарь Будагов.
  2. Pyotr Semyonov-Tyan-Shansky. История полувековой деятельности Императорского Русского географического общества, SPb, 1896.
  3. Brian Boyd, Vladimir Nabokov: The Russian Years (Princeton University Press, 1993).

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: