Tha an duilleag seo a' mìneachadh na poileasaidhean a dh'aontaich a' choimhearsnachd a thaobh ainmean is sloinnidhean air Uicipeid na Gàidhlig. Feuch is na atharraich na riaghailtean gun deasbad roimhe air duilleag na deasbaireachd.

Seula nam poileasaidh Poileasaidh nan ainmean is nan sloinnidhean

1) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig de dh'ainmean is sloinnidhean Ghàidheal, m.e.:

a) Cleachdaidh sinn an litreachadh a leanas: gun u sna lidean gun bheum (ach faic b), m.e.:
  • ✔MacDhòmhnaill seach ✗MacDhòmhnuill
  • ✔MacFhionghain seach ✗MacFhionghuin
b) Ma tha fios gu bheil roghainn phearsanta aig an ùghdar no gu bheil làmh an uachdair aig cruth gu soilleir, cleachdaidh sin an cruth sin, m.e.:

2) Cha chuir sinn cruth Gàidhlig air ainmean is sloinnidhean dhaoine nach eil 'nan Gàidheal fiù ma tha cuid a thùsan ann a chleachd sin (ma tha ainm mar sin cumanta ge-tà, feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann).

a) Ma tha an t-ainm san aibidil Laidinneach, fàgaidh sinn e mar a tha e. Ma tha stràcan 'gan cleachdadh, cleachdaidh sinn na stràcan ach feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann:
b) Mur eil an t-ainm san aibidil Laidinneach, cleachdaidh sinn tar-sgrìobhadh oifigeil, mar eisimpleir ISO-9 airson tar-sgrìobhadh na h-aibidil Cirilich. Ma tha a' Bheurla a' cleachdadh cruth eile, feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann:
c) Mas e ainm a chaidh eadar-theangachadh dhan a' Bheurla o chànan eile ach mur e rìgh/pàpa (no gin dhen fheadhainn sna h-earrannan eile a tha ri eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig), cleachdaidh sinn an cruth tùsail ach feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann. Tha gu h-àraidh ainmean Thùsanach buailteach dha seo:
d) Mur eil deagh chruth ann airson ainm pàpa, cleachdamaid an tionndadh Laideann:

3) Cha chuir sinn cruth Gàidhlig air ainmean Albannach ach ma tha fios gu bheil iad a' cleachdadh cruth Gàidhlig, ma tha cruth Gàidhlig 'ga chleachdadh sna meadhanan no ma tha fios gu bheil ceangal sònraichte do shaoghal na Gàidhlig aca:

  • Teàrlach Stiùbhart (Charles Stewart)
  • Daibhidh MacDhùnleibh (David Livingstone))
a) Tha sinn a' gabhail a-steach, gu sònraichte, rìghrean is bànrighrean anns na dùthchannan ceithir timcheall na h-Alba (gu h-àraidh Sasainn), m.e.:
b) Tha sinn a' gabhail a-steach ainmean nam pàpa agus rìghrean a tha air an eadar-theangachadh dhan a' Bheurla agus na cànain Eòrpach eile mar is trice:
c) Seachnaidh sinn ainmean measgaichte mas urrainn ach ma tha fear ann a tha fìor stèidhichte, leanaidh sinn ris a' chleachdadh:

4) Cleachdaidh sinn cruthan Gaeilge agus Gaelg airson ainmean is sloinnidhean Èireannach is Manainneach mas tha na daoine 'nan Èireannaich no 'nam Manannaich (ach le ath-threòrachadh on chruth eile). Tha sinn gu h-àraidh fìor mu ainmean is sloinnidhean gun chruth Gàidhealach soilleir. Feumaidh ceangal sònraichte do shaoghal na Gaeilge no na Gaelg a bhith ann mus cleachd sinn cruth Gaeilge no Gaelg airson daoine taobh a-muigh Èireann no an Eilein Mhanainn, m.e.:

5) A thaobh nan cànan Ceilteach eile, leanaidh sinn cleachdadh nan uicipeidean sna cànain sin nuair a thig e gu ainmean Chuimreach, Bhreatnach is Chòrnach, m.e.