'S e neach-poileataigs Spàinnteach a tha ann an Tomás Gómez Franco (Enschede, 27 am Màrt 1968).[1] Bha e na Phròbhaist ann am Parla bho 4 an t-Iuchar 1999 gu ruige 23 an Dàmhair 2008.[2]

Tomás Gómez Franco
Mayor of Parla (en) Translate

4 dhen Iuchar 1999 - 23 dhen Dàmhair 2008
José Manuel Ibáñez (en) Translate - José María Fraile (en) Translate
Q50695962 Translate

27 dhen Iuchar 2007 - 11 dhen Ghearran 2015
Rafael Simancas (en) Translate - Sara Hernández Barroso (en) Translate
member of the Assembly of Madrid (en) Translate

8 dhen Ògmhios 2011 - 13 dhen Ghearran 2015
ball Seanadh na Spàinne

29 dhen Ògmhios 2011 - 27 dhen t-Samhain 2013
Beatha
Breith Enschede, 27 dhen Mhàrt 1968
Dùthaich  An Spàinn
Foghlam
Foghlam Oilthigh Complutense Madrid Bachelor in Economics (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus eaconamaiche
Àitichean-obrach Madrid
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Sòisealach Luchd-obrach na Spàinne
tomasgomez.org

Beatha deasaich

Rugadh Gómez Franco thall thairis sna Tìrean Ìsle do theaghlach dhe imrich bochd às An Spàinn,[3] ri linn deachdaireachd Fhranco. Thill an teaghlach dhachaigh ann an 1970 agus thogadh e ann am Parla, baile bochd faisg air Madrid. Cha do rinn e turas dhan arm leis gu robh e an aghaidh nan cogaidhean.[4] Thug e ceum ann an Eaconomachd às an Oilthigh Complutense ann am Madrid. An dèidh sin thoisich e dotaireachd, nach do choileanadh e idir. Choisinn e an Duais Nicolás Salmerón airson Còirichean a' chinne-daonna ann an 2010.[5] Tha e pòsta.[6]

Poileataigs deasaich

Fhuair e ballrachd PhSOE ann an 1988. Mean air mhean rachadh e air adhart ann an saoghal poileataigeach ionadail mus deach a thaghadh mar Phrobhaist Pharla, ann an 1999. Bhuannaich e dà thuras is e na phrobhaist gu ruige 2008. Dh'fheuch e ris a bhith air a thaghadh na cheann-suidhe roinneil airson Madrid ann an 2011[7] ach cha d'fhuair e ach 26.5% dhe na bhòtaichean, an torradh na bu mhiosa a bha aig na Sòisealaich a-riamh. Tha e na sheanadair airson Mhadrid[8] agus na cheannard a' Phàirtidh ann am Madrid an latha an-diugh.[9]

Iomraidhean deasaich

  1. La Vanguardia
  2. El Mundo
  3. La RazónTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Noticias de tu Ciudad
  5. FIDHTeamplaid:Fix/category[dead link]
  6. El País
  7. Asamblea de Madrid
  8. Senado
  9. PSOE Madrid