Thüringen
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt, Co-chaidreachas na Rèine agus Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Prìomh-bhaile Erfurt
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 16,172.10 km²
Àireamh-shluaigh 2,312,870 (2006)
Dlùths 143.02/km²
Duilleag oifigeil http://thueringen.de

Is e saor-stàit Ghearmailteach a tha ann an Thüringen. Tha Erfurt ann am meadhan na dùthcha na phrìomh-bhaile.

Suidheachadh deasaich

Tha Thüringen anns an taobh an ear na Gearmailt. Mu thimcheall tha na stàitean Sagsainn Iosail, Sagsainn-Anhalt, Sagsainn, Bayern agus Hessen

Is iad na bailtean as motha: Erfurt, Gera, Jena agus Weimar. Tha an àireamh shluaigh de na bailtean eile nas lugha na 50.000.

Cruinn-eòlas deasaich

Cruth na tìre deasaich

Anns an tuath tha earran bheag de na beanntan Harz. Anns an earra-dheas tha an Thüringer Wald (coille Thuringia), beanntan le tòrr choilltean. Tha slighe fhada chliùiteach an-seo air a bheil “Rennsteig” mar ainm. Is e a’ bheinn as àirde am Großer Beerberg le 982 m. Anns an ear tha an dùthaich rèidh. Is e Thuringia ris an canar „an cridhe ùine na Gearmailt“.

Aibhnichean deasaich

  • Saale
  • Ilm
  • Werra
  • Unstrut
  • weiße Elster.

Lochan deasaich

Chan eil lochan mòra ann an Thüringen.


Eaconomaidh deasaich

Tha glainne, dèideagan, poitean agus aodaich air an dèanamh agus tha tòrr fhactoraidhean ag obair le fiodh agus meatailt. Tha Jena ainmeil airson inneal-fradhairc. Ann an Eisenach tha factoraidhean Opel agus Bosch.

Tha àiteachas cudthromach cuideachd. Tha cruithneachd, eòrna agus biatas-siùcar air am plantadh anns an dùthaich rèidh. Anns na gleanntan tha lusan agus measan a’ fàs.

Eachdraidh deasaich

Gus am bliadhna 1920 bha Thüringen ri moinn ann an stàitean eadar-dhealaichte agus air a riaghladh le diùc. An dèidh a’ chiad cogaidh chaidh na stàitean seo a chuir ri chèile gu aon stàit leis a’ phrìomh-bhaile Weimar. Chaidh a’ chiad Poblachd na Gearmailt a stèidheachadh a-mhàin ann am Weimar ann an 1919. Chaidh crìoch a chur air ann an 1933 nuair a thàinig Hitler agus a’ phartaidh Nàsach gu cumhachd. An dèidh an Dàrna Cogadh dh'fhuirich Thüringen anns a’ phàirt Ruiseach agus an uair sin dh'fhàs e na phàirt dhen DDR. Ann 1989 thuit Balla Bherlin agus chaidh a' Ghearmailt aonachadh.

Àitichean eachdraidheil deasaich

Is e àite-eachdraidheil ann an Thüringen a tha ann am Weimar. Dh’ fhuirich an dithis sgrìobhadairean Gearmailteach as ainmeile, Johann Wolfgang von Goethe agus Friedrich Schiller an-seo fàd bhliadhnachan. Tha na taighean aca nan taighean–tasgaidh an-diugh. Tha an seann bhaile glè bhrèagha agus tha mòran luchd-turais a’ tighinn airson fhaicinn.

 
Caisteal Wartburg

Is e àite eile cliùiteach a tha anns a’ Wartburg. Is e caisteal a th’ ann air cnoc àrd faisg air Eisenach. B’ e Màrtainn Lùtair am fear-àiteachaidh a b’ ainmeile. Dh'fhuirich e anns a’ chaisteal bho 1520 gu 1522 fo tèarmunn an riaghladair de Weimar agus dh’eadar-theangaich e am Bìoball an-seo.

 
Seòmar Lùtair, far an do dh’eadar-theangaich e am Bìoball

Is e àite brèagha a th’ ann an seann bhaile Erfurt leis an eaglais mhòr, togte anns an dàrna linn deug. Chaidh Màrtainn Lùtair don Oilthigh Erfurt.

Daoine cudthromach deasaich

Rugadh fireannaich agus boireannaich cudthromach ann an Thüringen: Fireannaich-ciùil:

Dealbhadairean:

Bha Carl Zeiss a’ stèidheachadh a’ ghnìomhachas inneal-fradhairc.

Biadh agus deoch deasaich

Nuair bhitheas sibh ann an Thüringen, bu chòir dhuibh Thüringer Bratwurst fheuchainn. Is isbean blàsda a th’ ann. Agus feuchaibh ri leann dubh „Köstritzer“ òl.

Bailtean deasaich

Ceangal a-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: