'S e Tannara Mhòr (Beurla: Tanera More) an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Samhraidh. Tha i suidhichte ann an inbhir Loch Bhraoin. Tha i cho mòr ri 310 heactair (1.2 mìle ceàrnagach). Anns a’ bhliadhna 2001 bha còignear a’ fuireach an seo. Tha oifis a’ phuist is cafaidh ann, agus tha tuathanach bradain ann.

Sealladh gu tuath bho Rubh’ Àrd-na-goine
Oifis a’ phuist is cafaidh ann an Tannara Mhòir

Chan eil rathaidean air an eilean, tha slighe a-mhàin a’ dol timcheall a’ bhàidh ris an canar “the Anchorage”. Tha an slighe a’ tòiseachadh san àird an ear-thuath an eilein aig Rubh' Àird na Goine, a’ dol sìos chun a' chidhe gu Garadheancal san àird an ear-dheas. Tha bàtaichean a’ dol eadar an eilean agus Aichillidh Bhuidhe, a tha mu 1.5 mìle air falbh san tìr–mòr Alba.

'S e Meall Mòr (124 meatair) a’ bheinn as àirde ann an Tannara Mhòir.

Thàinig an t-ainm Tannara bhon Seann Lochlannais, tha e a’ ciallachadh: "Eilean arcasaidh".[1]

Bhon bhliadhna 1970 bidh an Summer Isles Philatelic Bureau a’ foillseachadh stampaichean às an eilean fhèin airson nam mìltean de na luchd-turais a tha a’ tadhail air Tannara Mhòir gach bliadhna. [2]

Litreachas deasaich

Anns na 1930an bha Frank Fraser Darling, neach-glèidhteachais nàdair, a’ fuireach ann an Tannara Mhòir airson dà bhliadhna. Sgrìobh e an leabhar "Island Years" (foillsichte ann an 1940) mun àm ud.

Iomraidhean deasaich

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Placenames", duilleag 111, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Oifis a' phuist Tannara Mhòir

Ceanglaichean a-mach deasaich