An t-Urramach Tòmas MacCalmain, D.D., 27-7-1907 – 9-1-1984

Tòmas MacCalmain
Moderator of the General Assembly of the Church of Scotland (en) Translate

Beatha
Breith 1907
Bàs 1984
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Àrd-sgoil Phort Rìgh
Dreuchd
Dreuchd ministear

Bha Tòmas MacCalmain (Thomas Moffat Murchison) na mhinistear Eaglais na h-Alba, na sgrìobhadair agus na fhear-tagraidh cor nan croitearan. Ann an 1969, chaidh a thaghadh mar Mhodaràtar Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba. Sgrìobh e barrachd rosg anns a’ Ghàidhlig na duine sam bith eile a bha beò san fhicheadamh linn [1] [2].

Rugadh Tòmas MacCalmain ann am Baile Ghobhain ann an Glaschu. Bha còignear de theaghlach aig a phàrantan, Calum agus Anna. ’S ann às an Eilean Sgitheanach a bha Calum. Rugadh agus thogadh Anna (née Moffat) ann an sgìre Ghlinn Eilg. B’ e maraiche a bha ann an Calum fhad ’s a bha an teaghlach a’ fuireach ann am Baile Ghobhain.

Nuair a bha Tòmas sia bliadhna a dh’aois, shealbhaich athair croit an teaghlaich ann an Caol Reithe. Ghluais an teaghlach a dh’fhuireach anns a’ bhaile bheag seo anns an Eilean Sgitheanach. Cha robh facal de Ghàidhlig aig Tòmas aig an àm ach dh’ionnsaich e an cànan le cuideachadh a sheanmhar – cha robh a’ Bheurla aicese.

Bha e na sgoilear ann am Bun-sgoile Chaoil Reithe agus ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh (1921-1926). Ann an 1921, bha e an làthair ann an taigh-cùirt Phort Rìgh nuair a nochd ‘land raiders’ Ratharsaigh air beulaibh an t-Siorraim. Dh’fhàg sin làrach mhòr air Tòmas nach dìochuimhnicheadh e airson a’ chòrr de a bheatha [3].

Chaidh Tòmas a dh’Oilthigh Ghlaschu ann an 1926 agus an uair sin a Cholaiste na Trionaid far an tug e ceum a-mach airson dreuchd anns a’ mhinistrealachd. Fhuair e cead searmonachaidh ann an 1932 agus chaidh a phòsadh ri Sgìre Ghlinn Eilge. Ann an 1937, thill e a Bhaile Ghobhain mar mhinistear do dh’Eaglais Chaluim Chille agus Sràid Chopland. Anns a’ bhaile mhòr, bha e an sàs gu mòr ann an obair comataidhean na h-Eaglaise – nam measg Comataidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth ann an 1972, chùm e air leis an t-seirbheis Ghàidhlig air Latha na Sàbaid.

Bho 1932 a-mach, dh’fhàs Tòmas gu bhith cliùiteach mar fhear-tagraidh nan croitearan. Còmhla ris an Dotair Lachlann Grannd (1871-1946) à Baile a’ Chaolais, stèidheach e Comann Aiteachaidh na Gàidhealtachd ann an 1936 [4]. Mar thoradh air na h-oidhirpean a rinn an Comann an aghaigh a’ ‘Ghrampian Power Scheme’ chaidh Tòmas, an Dr Grannd agus Dòmhnall MacAoidh a ghairm gus nochdadh fa chomhair Comataidh nan Sochairean ann an Taigh nan Cùmantan fo chasaid gun do chuir iad riaghailtean na Pàrlamaid ann an dìmeas. Ach, nuair a thàinig an latha ann an Lunnainn, bha na casaidean air an leigeil seachad. Fad a bheatha, bha Tòmas MacCalmain daingeann ann a bhith a’ seasamh cor nan croitearan.

Ann an 1940, phòs Tòmas Màiri Black Morton Philp. Bha triùir de theaghlach aca – dithis nighean, Anna Margaret agus Fiona Màiri, agus mac, Anndra Philp.

’S e sgoilear air leth a bha ann an Tòmas. Sgrìobh e rosg agus rinn e òraidean air iomadh cuspair Gàidhealach – bha ùidh shònraichte aige ann an eachdraidh na h-Eaglaise anns a’ Ghàidhealtachd. Mar thoradh air an obair a rinn e còmhla ris an Àrd-Oll Tòmas Torrance, chaidh The Scottish Journal of Theology a stèidheachadh ann an 1948. Bha e dèanadach mar fhear-deasachaidh irisean agus leabhraichean, m.e., An Gàidheal (1946-1958), Duilleagan Gàidhlig Life and Work (1951-1980), An Iuchair Òir (Stirling Tract Enterprise, Sruighlea 1950), Prose Writings of Donald Lamont 1874-1958 (Scottish Gaelic Texts Society, 1988 – air fhoillseachadh an dèidh bàs Thòmais) agus Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid (Scottish Gaelic Texts Society, 1988). Sgrìobh e colbh anns a’ Pherthshire Advertiser agus anns an Stornoway Gazette (1955-1983). Ann an 1958, chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an Glaschu. Bhuilich Oilthigh Ghlaschu D.D. (Ollamh Diadhaireachd) air ann an 1964 mar cheum urramach.

An dèidh an Dàrna Cogaidh, bha Comann-Bhìoball na h-Alba airson eadar-theangachadh ùr dhen Bhìobhall Naomh a bhith aca. B' e Tòmas ceann-suidhe na buidhne a ghabh an obair seo os làimh. Chùm e air leis an eadar-theangachadh fad a bheatha ged a bha e a’ call a fhradhairc. Cha do chuir e crìoch air an iomairt ged a nochd toradh na saothrach a rinn e anns a’ Bhìoball Naomh a chaidh fhoillseachadh ann an 1992.

Chaochail Tòmas ann an Glaschu ann an 1984.

Iomraidhean deasaich

  1. Os Cionn Gleadhraich nan Sràidean, deasaichte le Dòmhnall E Meek, Scottish Gaelic Texts Society, 2010
  2. The Companion to Gaelic Scotland, deasaichte le Ruairidh MacThòmais, Gairm Publications, Glasgow 1994
  3. Mo Là Gu Seo, deasaichte le Dòmhnall E Meek, Gaelic Texts Society, 2011
  4. Dr Lachlan Grant of Ballachulish. His Life and Times, le Ruairidh MacLeòid, House of Lochar, Argyll 2103