Straiton

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Siorrachd Àir a Deas
Siorrachd Siorrachd Àir
Co-chomharran 55° 18' 41' Tuath
04° 33' 05' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 211.8[1] km²
Àireamh fòn +44 (0)1655

‘S e baile beag agus Parraist faisg air Cille Mhìcheil air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Straiton. Tha e suidhichte ri taobh na Aibhne Gharbhain aig 155m os cionn ìre na mara,[2] eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Am Magh Baoghail[3] anns an Siorrachd Àir a Deas (Siorrachd Àir ro 1975), 19km air falbh bho Inbhir Àir fhèin, 66km bho Ghlaschu, 54km bhon An t-Sròn Reamhar agus 112km bho Dhùn Èideann.[4] ha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd, coilltearachd agus dreuchdan anns na bailtean mòra faisg air Straiton. Tha bùth, taigh-seinnse, taigh-cofaidh, talla agus eaglais ann. A thaobh foghlaim, tha bun-sgoil ann,[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.[6]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à streean agus ton (a tha a' ciallachadh dìreach agus baile) ann an seann Bheurla a tha an t-ainm.[7] Bheireadh sin Baile Dìreach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. A dh'aindeoin sin, tha cuid sa bhaile fhèin dhen bheachd gur ann à Ysrath (srath) ann an seann Chuimris agus ton (Baile) anns a' Beurla a th' ann. Beireadh sin Baile an t-Sratha dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a toirt cuideam dhan bheul-aithris. Bha seann Chuimris làidir air feadh ceann a deas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach agus tha ainmean-àite san t-seann chànan gu math pailt san sgìre.[8]

Eachdraidh deasaich

Chaidh eaglais a chlàradh an seo ri linn Alasdair II[9] ged a stèidheachadh am baile ann an 1760 le Tòmas Ceannadach, Iarla Cassilis mar bhaile-oighreachd[10] ged a chaidh na taighean a chithear an latha an-diugh a thogail ann an 1900 le Sir Èideard Hunter Blàr: 's e dìreach am mansa (taigh Traboyack),[11] an taigh-seinnse agus taigh a' ghobhainn a tha air fhàgail bhon na chaidh a thogail anns an 18mh Linn.[12] Rinneadh atharraidhean air an eaglais ann an 1758 agus ann an 1901.[13] Tha an t-oighreachd Blairquhan am broinn na parraist: chaidh caisteal a thogail ann an 1346 agus lùchairt ann an 1820.[14] Tha carragh-chuimhne anabarrach mòr gu Seumas Hunter Blàr à Blairquhan, a chaill a bheatha aig Cath Inkerman ann an 1854, air mullach Creag nan Gobhar, air an àirde an ear a' bhaile.[15] A-rèir carragh-chuimhne san Talla a' Bhaile, fhuair 93 duine à Torthorwald bàs sa Chogadh Mòr[16] agus 35 eile san Dàrna Cogadh.

An-diugh deasaich

Tha bun-sgoil bheag ann an Straiton ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.[17] Chaidh am film The Match fhilmeadh an seo ann an 1999. Chleachd an taigh-òsta agus taigh eile.[18] Tha muinntir a' bhaile a' ruith na bùtha agus Talla a' Bhaile Mhic Chundlis ann an co-oibreachadh. 'S e turasachd agus coilltearachd a tha aige cridhe eaconomaidh a' bhaile. 'S e àite fa leth math airson coiseachd agus rothaireachd. Thathar a' ruith rèis gach Lùnasdal bhon a' bhaile shuas dhan charragh-chuimhne os cionn Creag nan Gobhar.[19]

Iomraidhean deasaich

  1. Scottish Places
  2. Falling Rain
  3. Maybole
  4. Luft Linie
  5. Straiton Primary School
  6. A' Chomhairle
  7. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. The Brittonic Language in the Old North
  9. History of the Counties of Ayr & Wigton Scotland: Carrick, James Paterson, Dùn Èideann, 1864
  10. Genuki
  11. Canmore
  12. Maybole
  13. Eaglais na h-Alba
  14. Blairquahan
  15. Genuki
  16. Scottish War Memorials Project
  17. Bun-sgoil Straiton
  18. Glasgow Herald
  19. Scottish Hill Racing