Staoinebrig

An sgoil ann an Stoinebrig
Suidheachadh
Staoinebrig is located in Alba
Staoinebrig
Staoinebrig (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Na h-Eileanan Siar
Parraist Uibhist a Deas
Co-chomharran 57.272 Tuath
7.395 Iar
Comharradh-clèithe NF748330
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01870

'S e baile beag ann an Uibhist a Deas a tha ann an Staoinebrig[1] no Staoinibrig[2] (Beurla: Stoneybridge). Tha e suidhichte mu mhìle tuath air Ormicleit agus mu 9 mìle (14 km) san iar-thuath air Loch Baghasdail. Tha rathad beag a' dol bhon A865 seachad Loch Bhacasaraidh gu Staoinebrig. Tha Loch Òlaidh an Iar deas air a' bhaile agus Loch Altabrug sa tuath.

Tha talla a' bhaile agus bun sgoil Gàidhlig ann an Staoinebrig.Iar air a' bhaile tha tùrsa ann ris an canar Crois Chnoca Breaca.[3] Tha e mu 6 troigh a dh'àirde.[3]

Iomraidhean deasaich

  1. Staoinebrig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 30 an Cèitean 2016.
  2. Iain Mac an Tàilleir Ainmean-Àite td 107 (Beurla) Air a thogail 30 an Cèitean.
  3. 3.0 3.1 South Uist, Stoneybridge, Crois Chnoca Breaca(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 31 an Cèitean 2016.

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: