'S e briosgaidean sònraichte a tha ann an Spekulatius a tha gu math cumanta aig àm na Nollaige.

Spekulatius le dealbhan eadar-dhealaichte
Na spìosraich: caineal, cnò-mheannt, clo-mheas, dinnsear, càrdamon agus piobar geal.

Gu tradaiseanta tha iad às an Òlaind, às a' Bheilg agus às an sgìre North Rhine-Westphalia anns a' Ghearmailt. Canar Spekulatius sa Gearmailtis, speculaas ([spekyˈlaːs]) san Duitsis, no spéculoo san Fraingis. Chan eilear cinnteach co às a thàinig an t-ainm. Is dòcha gu bheil speculaas ceangailte leis an fhacal Laideann: "speculum" (sgàthan) air sgàth 's na dealbhan a th' orra, no leis an fhacal Dhuitseach: "Specerij" a tha a' ciallachadh spìosrach. Ann an 1870 bha Antonie Deplée, bèicear à Hasselt, baile anns a' Bheilg, ag iarraidh cead airson nam briosgaidean aige. B' e na "Hasselt speculaas": "une espèce de pain d'amandes connu sous le nom de spéculation" (Seòrsa aran à min à almon ris an canar spéculation).

'S e seòrsa aran-cridhe a th' annta, tha iad tana, cnapach, caran donn agus tha dealbhan orra air am beulaibh. Mar is àbhaist tha iad a' dèanamh le min, siùcar donn, ìm agus spìosraich sònraichte. 'S iad na spìosraich a thèid a chleachdadh gu cumanta: caineal, cnò-mheannt, clo-mheas, dinnsear, càrdamon agus piobar geal. Uaireannan cuirear pìosan almoin air a chùlaibh.

Faic cuideachd deasaich