Slighe Costa na Cuimrigh
Mapa na slighe
Fad 870 mìle (1,400 km)
Àite A' Chuimrigh
Tòiseachadh Y Fferi Isaf
Crìochnaich Cas-gwent
Cleachdadh Coiseachd
Ìre Furasta
Ràith Fad na Bliadhna

Co-chomharran: 53°12′40″N 3°00′58″W / 53.211°N 3.016°W / 53.211; -3.016

'S e frith-rathaid astair anns a' Chuimrigh a th' ann an Slighe Costa na Cuimrigh (Cuimris: Llwybr Arfordir Cymru; Beurla: Wales Coast Path) a bhios a' leantainn iomall-fairge na Cuimrigh. Chaidh e fhosgladh 5 an Cèitean 2012. Tha an cas-cheum mu 870 mìle (1,400 km) de dh'fhaid bho Cas-gwent (Beurla: Chepstow) ann an ceann a deas gu Y Fferi Isaf (Beurla: Queensferry) ann an ceann a thuath na Cuimrigh.[1]

'S i a' Chuimrigh a' chiad dùthaich air feadh an t-saoghail a thog cas-cheum sònraichte air iomall-fairge na dùthcha air fad. Tha an t-slighe a' dol tro aon tèarmann Nàdair Nàiseanta deug is tèarmainn nàdair eile, cuid dhiubh fo chùram Urrasan Fiadh-bheatha no Comann Rìoghail Dìon nan Eun.[2] A rèir Lonely Planet, am foillsichear leabhraichean siubhail as motha air feadh an t-saoghail[3], tha costa na Cuimrigh an t-àite as fheàrr a thaobh: "Best in Travel: top 10 regions for 2012". [4]

Suidheachadh deasaich

 
Tha an clach leis an t-suaicheantas ann an Cas-gwent a' comharrachadh ceann a deas na slighe.

Chaidh Slighe Costa na Cuimrigh fhosgladh 5 an Cèitean 2012 mar chiad cas-cheum sònraichte air feadh an t-saoghail a ghabhas a steach iomall-fairge na dùthcha air fad.[5][6][7] Tha e a' leantainn iomall-fairge na Cuimrigh bho Cas-gwent san ear-dheas na dùthcha gu Y Fferi Isaf ann an ceann a tuath na dùthcha. Tha e a' ceangal slighean a bha ann roimhe sin mar North Wales Path, Anglesey Coastal Path is Llŷn Coastal Path. 'S e "National Trail" a th' ann am Pembrokeshire Coast Path [8] roinn a chaidh a thaghadh ann an 2011 leis an iris National Geographic mar dàrna àite-cladaich a b' fheàrr san t-saoghal.[9][10]

Tha cas-cheum de 870 mìle (1,400 km) a dh'fhaid a' dol tro roinnean cladaich le cruth-tìre eadar-dhealaichte. Tha e a' gabhail a-steach slighe bho inbhir Afon Dyfrdwy a-nall air costa tuath na Cuimrigh leis na bailtean-puirt aca thairis air Menai Strait gu eilean Ynys Môn, slighe an ann leth-eilean Llŷn, cas-cheum tron Phàirce Nàiseanta ann an Sir Benfro, agus slighean ann an Gower, Cardiff Bay, Caerdydd is Cas-gwent.[11] Tha an frith-rathad air fad freagarrach do luchd-coiseachd. A bharrachd air sin tha cuid phàirtean ann a tha freagarrach do luchd- baidhseagail is marcaichean no slighean rèidh airson teaghlaichean no daoine le gluasad cuingichte.[2]

Chaidh an cas-cheum a stèidheachadh le Countryside Council for Wales (a-nis Natural Resources Wales) ach a-nis tha e fo chùram nan 15 Ùghdarrasan ionadail tron a bhios e a' dol.[12] Bha còig slighean ann mu thràth ann an Sir Benfro, Ynys Môn , Gwynedd, Ceredigion agus air costa a tuath na Cuimrigh a bha nam bun-stèidh don frith-rathad Slighe Costa na Cuimrigh.

Eachdraidh is leasachadh deasaich

 
Sealladh ann an Sir Benfro air leth-eilean Marloes.

Chaidh an t-slighe a chruthachadh le Riaghaltas na Cuimrigh còmhla ri Comhairle Cruth-tìre na Cuimrigh, 16 Ùghdarrasan ionadail is dà phàirce nàiseanta. Bho 2007 a-mach chuir Riaghaltas na Cuimrigh gu bhith £2 millean ann an seilbh gus cothrom poblach air costa na dùthcha fhaighinn tron phrògram Coastal Access Improvement Programme. A bharrachd air sin chuir Maoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach £3.9 millean ris gus taic a thoirt don phròiseact.[13][14]

Tha beachd-smaoin na slighe stèidhichte air an t-soirbheas eaconomach a thàinig às a' Phembrokeshire Coast Path National Trail[15] agus às an Isle of Anglesey Coastal Path[16] Chaidh na planaichean a chur an cèill le Prìomh-mhinistear Rhodri Morgan san Òg-Mhios 2006, nuair a dh'fhosgail e cuairt mu 125-mile timcheall air Ynys Môn gu oifigeil. Bhathar an dùil gum biodh am pròiseact a' toirt còig bliadhna a dh’fhad, ach thug e gu bith sia bliadhna gus an robh an cas-cheum deiseil.[17] Fhuaireadh a-mach gun do chuir na frith-rathaidean ann an Sir Benfro agus Ynys Môn gu mòr ri gnìomhachas turasachd na Cuimrigh. Bhathar den bheachd gu bheil e cudromach cuideachd ri daoine ionadail is luchd-tadhail tlachd fhaighinn ann am blàr a-muigh na Cuimrigh agus buannachd slàinte fhaighinn às aig an aon àm.

Am Fosgladh deasaich

 
Suaicheantas Slighe Costa na Cuimrigh

Chaidh an frith-rathad astair fhosgladh 5 an Cèitean 2012 ann an iomadh àite air feadh na slighe, àitichean a bha a' sealltainn bòidheachd na dùthcha. Gus an latha seo a chomharrachadh bha Ramblers Cymru, buidhean còraichean-coiseachd a thoirt cuideachadh don "Big Welsh Coastal Walk", aon de na tachartasan poblach a bu mhotha a bh' anns a' Chuimrigh a-riamh.[18]

Chaidh leabhar-iùil oifigeil airson Ynys Môn: Walking the Isle of Anglesey Coastal Path, sgrìobhte le Carl Rogers, fhoillseachadh le Northern Eye Books. Chuir Countryside Council for Wales iarrtas orra leabhraichean-iùil oifigeil airson na pàirtean eile a chruthachadh is fhoillseachadh cuideachd. [19] Tha leabhraichean bho fhoillsichearan eile mun Ceredigion Coast Path agus Pembrokeshire Coast Path ann mu thràth.

'S e timcheall air 2.8 millean an àireamh thuairmsichte de dhaoine a bha a' coiseachd air pàirt den t-slighe anns a' chiad bhliadhna agus mar sin chuir iad £16 millean ri eaconamaidh na Cuimrigh.[20] A rèir coltais dh'fhuirich barrachd na 800,000 luchd-tadhail airson oidhche ann an taigh-òsta no taigh leabaidh is bracaist a tha suidhichte faisg air an frith-rathad.[20]

Frith-rathad astair timcheall a' Chuimrigh deasaich

Tha na 870 mìle (1,400 km) de Shlighe Costa na Cuimrigh ceangailte ris an Offa's Dyke Path National Trail.[21] Tha an cas-cheum seo a' leantainn crìoch eadar Sasainn is a' Chuimrigh agus mar sin tha frith-rathad astair de 1,030 mìle (1,660 km) a dh'fhaid ann a leanas gu bith timcheall air a' Chuimrigh gu lèir.

Pàirtean den fhrith-rathad (bho thuath gu deas) slighe air mapa
North Wales Coast & Dee Estuary - a ghabhas a-steach North Wales Path, chaidh fhosgladh ann an 1997.[22]  
Ynys Môn - a ghabhas a-steach Slighe Cladach Ynys Môn (Beurla: Anglesey Coastal Path), chaidh fhosgladh ann an 2006.[23]  
Menai, Llŷn & Meirionnydd - a ghabhas a-steach Llŷn Coastal Path, chaidh fosgladh ann an 2006[24] agus chaidh a leasachadh gus an còrr de Gwynedd a cheangail ris.[25]  
Ceredigion - Ceredigion Coast Path a chaidh fhosgladh ann an 2008.[26]  
Sir Benfro - Slighe Costa Sir Benfro (Beurla: Pembrokeshire Coast Path) a chaidh fhosgladh ann an 1970.[27]  
Sir Gaerfyrddin - a ghabhas a-steach Millennium Coastal Park, faisg air Llanelli[28] agus Pembrey Country Park. Eadar an Dàmhair 2011 is an t-Sultain 2012 bha 19,537 duine a' coiseachd air an Wales Coast Path ann an Sir Gaerfyrddin.[29]  
Gower & Swansea Bay - a ghabhas a-steach Gower and Swansea Bay Coast Path. Chaidh e fhosgladh ann an 2012.[30]  
South Wales Coast & Severn Estuary - a ghabhas a-steach South Wales Coast and Severn Estuary Coastal Path. Chaidh fhosgladh ann an 2012.[31]  

Connspaidean deasaich

Tha an Open Spaces Society a' càineadh gu bheil cuid uachdaranan ann nach leig cothrom don luchd-coiseachd dol tairis air an fhearann aca. Tha sin a' ciallachadh gum feumar coiseachd barrachd na 20% den t-slighe air rathaidean. Air an làimh eile thuirt tè-labhairt Countryside Council for Wales: “Just over 20% of the WCP is on road, slightly less than the average for national trails in Britain, which is in the region of 25%. This is mainly on quiet, country lanes.”[32]

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. BBC News Wales - All-Wales coast path nears completion. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
  2. 2.0 2.1 www.firstnature.com - wales Coast Path A' tarraing air 29 an Cèitean 2014
  3. Fildes, Nic (2 October 2007). "BBC gives Lonely Planet guides a home in first major acquisition". The Independent. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014. "Lonely Planet has grown into the world's largest travel guide publisher"
  4. Lonely Planet - Lonely Planet’s Best in Travel: top 10 regions for 2012. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
  5. Wales Coast Path officially opens with events in Cardiff, Aberystwyth and Flint”. Ann an: BBC News, 5mh dhen Chèitean 2012. Air a thogail 30mh an Cèitean 2014. “The world's first coastal path to cover an entire country has been officially opened in Wales.” 
  6. Wales Coast Path set for a boost as entrepreneurs get to work”. Ordnance Survey. Air a thogail 30mh an Cèitean 2014. “The recently opened Wales Coast Path is the first coastal network in the world to cover an entire country.”
  7. The Guardian, Wales coastal path offers a walk on the wild – and industrial – side, 4.5.2012. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
  8. Pembrokeshire Coast Path National Trail. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
  9. www.NationalTrails.co.uk - news article. A' tarraing air 29mh an Cèitean 2014
  10. Pembrokeshire Coast Path walks off with accolade of being one of world's top trails”, Wales Online. 10mh dhen Lùnasdal 2011. Air a thogail 29mh an Cèitean 2014. 
  11. BBC News Wales - Wales Coast Path nears completion. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  12. Countryside Council for Wales: Wales Coast Path A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  13. Welsh Government website - Coastal Access. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  14. The Long-Distance Walkers Association - Wales Coast Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  15. National trails: Pembrokeshire Coast Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  16. Anglesey Coastal Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  17. BBC Website - All-Wales coastal path proposed. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  18. Big Welsh Coastal Walk A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  19. Quadrant Media, Official guide books to document Wales Coast Path. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  20. 20.0 20.1 WCP celebrates anniversary”. Walescoastpath.gov.uk. Air a thogail 30mh dhen Chèitean 2014.
  21. Offa's Dyke Path National Trail
  22. North Wales Path, publ. Conwy County Borough Council, 1997
  23. www.anglesey-today.com/coastal-path.html A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  24. www.snowdonia-active.com A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  25. www.walescoastpath.info A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  26. ceredigioncoastpath.org.uk aA' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  27. National Trails: Pembrokeshire Coast A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  28. Wales Coast Path - The Carmarthenshire bit!, DiscoverCarmarthenshire.com, A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  29. The Economic Impact of Wales Coast Path Visitor Spending on Wales 2012, report for the Welsh Economy Research Unit of the Welsh Government, page 6; 1.11.2013
  30. walesonline.co.uk Single Path around Gower Coastline 1.10.2011, A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  31. www.visitwyevalley.com A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014
  32. WalesOnLine.co.uk - Wales’ new coast path still makes walkers tread more than 170 miles of roads. A' tarraing air 30mh an Cèitean 2014

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: