Tha Sligh'-uisge a’ Chrìonain (Beurla: Crinan Canal) a' ruith bho Àird Driseig air bruach Loch Fìne gu baile beag a' Chrìonain air costa an iar Earra-Ghàidheal, mu 9 mìle a dh'fhaid, le 15 glasan.

Sligh'-uisge a Chrìonain

Chaidh a dealbhadh le John Rennie agus a togail eadar 1794 agus 1801, airson an t-slighe-mara dhoirbh bho dheas gu tuath timcheall air Maoil Chinn Tìre a ghearradh, mu 100 mìle. Bha trioblaidean teicnigeach gu leòr aig a' phròiseact an toiseach agus b' fheudar do Thomas Telford crìoch a chur air an t-slighe mu dheireadh thall. 'S e an dàrna pàirt den phlana mhòr seo a bh' anns an Fhaoighteach Chaledoineanach, air a dhealbhachadh le Telford fhèin agus air fhosgladh ann an 1822.

Aig an àm a chaidh iad a thogail bha aibhnichean agus slighean-mara fada na bu chudromaiche na na rathaidean bochda a bha ann, dìreach mar a bha e fad nan linntean gu ruige sin - airson malairt agus cogaidh. Cha robh lìon rathaidean-iarrainn ann fhathast nas motha. Nuair a chaidh Sligh'-uisge a' Chrìonain a thogail, 's ann gu h-àraidh airson malairt ionadail eadar an tìr-mòr agus na h-Eileanan a chaidh a cleachdadh. Bha an t-slighe ùr taghta cuideachd airson bhàtaichean-iasgaich agus aiseagan agus na b' fhaide air adhart san linn airson Pufairean Chluaidh.

An latha an-diugh bidh an t-sligh'-uisge air a cleachdadh gu ìre as motha le gheataichean agus bàtaichean saor-làithean eile. Thathar ag ràdh gur e "àth-ghoirid as bòidhche san dùthaich" a th' ann an Sligh'-uisge a' Chrìonain.