Siorrachd Rinn Friù a Deas (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)

sgìre Phàrlamaid na h-Alba

'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Siorrachd Rinn Friù a Deas (Beurla: Renfrewshire South).[1]

Siorrachd Rinn Friù a Deas
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Taigh an Ròid
Ball Tom Arthur BPA
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Àireamh-bhòtaidh 29,681
Mòr-chuid 4,408

Chaidh a cruthachadh ann an 1999. Tha Baile Iain, Baile Nèill, Cill Bhearchain agus Cnoc a' Bharra san sgìre seo.[2]

Tha i ann an crìch ri Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar, Pàislig, a' Choille Shear, Cille Mheàrnaig agus Srath Irbhinn, Coineagan a Tuath agus Grianaig agus Inbhir Chuaidh.

Buill-phàrlamaid deasaich

Taghadh Ball Pàrtaidh Mòr-chuid Àireamh-bhòtaidh
2016[3] Tom Arthur Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 4408 29681
2011[4] Hugh Henry Pàrtaidh Làbarach na h-Alba 2587 26918

Iomraidhean deasaich

  1. Gaelic constituency and region names”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017 (pdf).
  2. Recommended Scottish Parliament constituencies: Renfrewshire South County Constituency”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2017 (pdf).
  3. Renfrewshire South - Scottish Parliament constituency - Election 2016”. BBC. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2017.
  4. Election 2011 - Scotland - Renfrewshire South(Beurla). BBC. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2017.