’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr Fhuaran. Tha e 1,067m de dh’àirde agus ’s e a' Bheinn Rothaich as àirde anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile.

Sgùrr Fhuaran

Sgùrr Fhuaran bho Sgùrr na Ciste Duibhe
Àirde (m) 1,067
Àirde (tr) 3,501
Àirde rinneach (m) 663
Màthair-mhullaich A' Chralaig
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr Fhuaran is located in Alba
Sgùrr Fhuaran
Sgùrr Fhuaran (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Còig Peathraichean Chinn Tàile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NG978166

Co-chomharran: 57°11′47″N 5°20′46″W / 57.1964°N 5.3462°W / 57.1964; -5.3462

Dh'fhaodadh gu bheil an t-ainm a' ciallachadh gu bheil fuarain an sin, ach tha e aithnichte gu h-ionadail mar Sgùrr Ùrain, a dh'fhaodadh a bhith na h-ainm pearsanta, air neo dh'fhaodadh gur e odhar-choin as ciall dha[1].

'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap na còig beanntan ann an streath bho Bhealach na Lapain gu Allt a' Chruinn. Tha e comasach cuideachd cromadh air druim an iar Sgùrr Fhuaran air ais gu Gleann Seile.[2]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Iomraidhean deasaich

  1. Peter Drummond (1991) Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust
  2. Sgùrr Fhuaran air Walk Highlands

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: