Санкт-Петербург
Sankt Peterburg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ruis
Ceàrn Severo-Zapadny Federalny Okrug
Sgìre Sankt Peterburg
Co-chomharran 59° 59’ Tuath
30° 19′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 590.43 km²
Àireamh-shluaigh 4,661,219 (2002)
Dlùths 7,894.62/km²
Àireamh fòn 812
Duilleag oifigeil http://gov.spb.ru/

‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Ruise a th’ ann an Санкт-Петербург neo Sankt-Peterburg (IPA: sankt pʲɪtʲɪr’burk, Beurla: Saint Petersburg, Gaeilge: Cathair Pheadair, Fionnais: Pietari). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1703 leis an Rìgh Peadar Mòr mar phrìomh-bhaile ùr airson an dùthaich a leasachadh is leis gu robh e na b' fhaisge air an Roinn Eòrpa na Mosgo. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Neva, anns an roinn (Ruiseis: Okrug) Iar-Thuath na Ruise, 633km air falbh bho Mhoscobha (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 18km bho Kronshtadt agus Am Muir Baltach (Camas Shuòmaidh) air an taobh thall a’ bhàigh Nevskaya Guba.[1] Tha 4,661,219 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an darna baile as motha na dùthcha.[2]

Bha ainm a' bhaile gu math connspaideach fad an 20mh linn. Thug Peadar Mòr ainm le coltas Gearmailteach air a' bhaile ùr aige is e ag iarraidh prìomh-bhaile na b' Eòrpaiche agus na b' adhartaiche. Ach b' fheudar dhan Tsar an t-ainm atharrachadh gu Petrograd aig àm a' chiad cogaidh ann an 1914. Chaidh an t-ainm air atharrachadh a-rithist gu Leningrad mar chuimhne air Lenin nuair a bha na Comannaich os cionn riaghaltas na dùthcha ann an 1924. Chaidh an t-ainm tùsail a thoirt air ais ann an 1991 nuair a bhrist an t-Aonadh Sobhiat a-mach a chèile.

Daoine Ainmeil deasaich

Ann an Leabhraichean deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Distance Calculator
  2. Bailtean na Cruinne
  3. Urząd Miasta Gdańska
  4. Stadt Graz
  5. Urząd Miasta Krakowa
  6. 6.0 6.1 6.2 SisterCities
  7. Gemeente Rotterdam
  8. Urząd Miasta Warszawa

Ceanglaichean a-mach deasaich