Salamanca
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Salamanca
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,349 km²
Àireamh-shluaigh 352,986 (2014)
Dlùths 28.58/km²
Àireamh fòn + (923)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Salamanca (IPA: salaˈmaŋka). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Salamanca a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Salamanca fad 12,349km²[3] agus tha 352,986 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 16mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 37mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Cáceres, Valladolid, Zamora agus A' Phortagail.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. B' e Helmantike (Gàidhlig: Tìr na Geaslanachd) a chanadh na Greugaich ris, agus sgrìobh Ptolomaidh gu robh dùn Ceilteach san sgìre air an robh Salmatica/Salmantica.[6] Sgrìobhadh Livius Hermandica e. Tha teòiridh caran ùr ann, a tha a' dearbhadh gur e ath a th' ann an t-eileamaid sala- (mar Salas de los Infantes ann am Burgos no Salas de Pallars ann an Lleida),[7] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin fhathast. Tha cruth na tìre a' gabhail ris an teòiridh ùr. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Moyas Díez T., Salamanca: guías de turismo de Castilla y León, Ediciones Grepheus, 2007, ISBN 84-87473-34-2
  7. Tertulia Arqueológica