B' e lighiche, parasait-eòlaiche agus fear-saidheans às An Spàinn a bh'ann an Sadí de Buen Lozano (Barcelona, 18 an t-Iuchar 1893 - Córdoba, 3 an t-Sultain 1936).[1]

Sadí de Buen Lozano
Beatha
Breith Barcelona, 18 dhen Iuchar 1893
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Bàs Córdoba, 3 dhen t-Sultain 1936
Nàdar a’ bhàis  (leòn peileir)
Teaghlach
Athair Odón de Buen y del Cos
Màthair Rafaela Lozano
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Complutense Madrid
Cànain Catalanais
Spàinntis
Luchd-teagaisg Gustavo Pittaluga (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd lighiche agus parasitologist (en) Translate

Beatha agus Obair deasaich

Rugadh agus thogadh e ann am Barcelona, far an robh athair, Odón de Buen y del Cos, na ollamh aig Oilthigh Bharcelona. Phòs e aig Berta López de Heredia agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2]

Thug e ceum à Oilthigh Bharcelona agus chuir e seachad bliadhnaichean aig obair fon neach-rannsachaidh Eadailteach Gustavo Pittaluga. Stèidhich iad seirbheis an aghaidh mhailèiria (Spàinntis: Servicio Español de Lucha Antipalúdica) agus rinn iad sàr obair an aghaidh a' Ghalair ann an Cáceres agus air feadh Chatalòinia, far an robh mailèiria na bu làidire. Dh'fhàs e a bhith na cheannard sheirbheis Shlàinte na Spàinne ann an 1931.[3]

Bha e air taobh na Poblachd agus na bhall an UGT - aonadh-ciùird cudromach - agus air sàilleabh sin chaidh a chur gu bàs leis na Faisistich aig toiseach tòisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne.[4] Bha e ann an Córdoba nuair a sheas an t-Arm an aghaidh an Riaghaltais. B' fheudar dhan teaghlach aige an dùthaich fhàgail agus chaidh iad gu Meagsago nam fògarraich.

Na sgrìobh e deasaich

  • De Buen, S. (1926) Note préliminaire sur l'épidémiologie de la fièvre récurrente espagnole (Fraingis). Annales de Parasitologie Humaine et Comparée 4: 185-192.

Iomraidhean deasaich

  1. Buen Lozano, Sadí de(Basgais). Auñamendi Eusko Entziklopedia. Air a thogail 10mh dhen t-Samhain 2017.
  2. Geni
  3. Pares
  4. Francisco Giral, Ciencia española en el exilio (1939-1989): el exilio de los científicos, Editorial del Hombre, Barcelona, 1994