Rosenheim
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Oberbayern
Sgìre A' Bhaidhearn
Co-chomharran 47° 51 22' Tuath
12° 07 44' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 37.22 km²
Àireamh-shluaigh 63,591 (2020)
Dlùths 1,708.52/km²
Àireamh fòn +49 08031
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar München agus Salzburg, ann an ceann a deas na Gearmailt a th' ann an Rosenheim. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Inn, aig 447m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Oberbayern, san stàit (Gearmailtis: Land) A' Bhaidhearn. Tha 63,591 duine a' fuireach ann.[1] 'S e àite cudromach a thaobh chòmhdhalach eadar-nàiseanta 's a th' ann air sgàth 's gu bheil e leth-shligheach eadar bailtean mòr anns A' Ghearmailt, An Eadailt agus An Ostair.

Eachdraidh deasaich

'S ann à Rosen (Gàidhlig: ròsan), agus heim (Gàidhlig: dhachaidh) s' a tha ainm a' bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1234. Thug Chogadh nan 30 Bliadhna buaidh uabhasach làidir agus A' phlàigh a bhuail am baile ann an 1634 air Rosenheim, agus rinn teine sgrios agus milleadh air a' mhargaidh ann an 1641. B' ann làidir 's a bha Nàsachd an seo agus stèidheachadh meur a' Pàirtidh Nàsaich ann an 1920, a rinn droch sgrios dhan choimhearsnachd bheag Iùdhach a bha na tàmh sa bhaile agus fhuair cuid dhuibh bàs san Uile-losgadh.[2] Chaochail an ceòladair Aimearganach Ray Manzarek le aillse an seo ann an 2013. B' esan a chluicheadh a' phiàno anns na 60an leis The Doors.[3]

Daoine ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Statistisches Bundesamt
  2. Rosenheim im Dritten Reich; Beiträge zur Stadtgeschichte, Kulturamt der Stadt Rosenheim 1989
  3. Ray Manzarek
  4. Heinrich Fraenkel, Roger Manvell: Hermann Göring. Übersetzt von Hedwig Jolenberg, bearbeitet von Wolfgang Tschechne.