Tha Robert (Robbie) Peter Williams (13 an Gearran, 1974) na neach-ciùil agus na sheinneadair Shasannach.

Robbie Williams
Tosgaire Deagh-ghean UNICEF

Beatha
Ainm slàn Robert Peter Williams
Breith Stoke-on-Trent, 13 dhen Ghearran 1974
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Àite-fuirich Stàid MhaolChallainn
Ciad chànan Beurla Bhreatannach
Teaghlach
Cèile Ayda Field  (7 dhen Lùnastal 2010 -
Foghlam
Foghlam St Margaret Ward Catholic Academy (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair is sgrìobhaiche, actair film, saothraiche chlàran, seinneadair, cluicheadair-guitàir agus actair telebhisein
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Take That
Take That
Gnè ealain ceòl pop
ceòl dannsa
Breat-phop
alt-roc
roc pop
roc bog
ceòl-dealain
Nàdar a’ ghutha tenor
Inneal-ciùil guth
giotàr
beus-ghiotàr
inneal meur-chlàir
beum-ionnsramaid
fìdheallan
organ-beòil
marimba
Taigh-clàraidh Chrysalis Records
Capitol Records
Sony Music
Island Records
Virgin (en) Translate
EMI (en) Translate
Columbia Records
Virgin Records
EMI
IMDb nm0005560
robbiewilliams.com

Rugadh e ann am Burslem, Stoke-on-Trent, Siorrachd Stafford.

A Bheatha deasaich

Take That deasaich

Thòisich Robbie ann an saoghal a' phop leis a' chòmhlan-ciùil, Take That a bha ga stiùireadh leis an t-seinneadair/bàrd Gary Barlow. Chaidh an còmhlan-ciùil a stèidheachadh ann an 1991 agus bha iad gu math soirbheachail, a' ruigsinn àireamh a h-Aon ochd tursan. Chruthaich an soirbheachas cothroman do chòmhlan-ciùil choltach ri Boyzone agus 911. Ge-tà, thathar a' ràdh nach d' fhuair Robbie air adhart le buill eile a' chòmhlain-chiùil air sgàth a fheartan bhleigeardach, agus bha e an còmhnaidh a' strì leis na buill agus leis an rianachd. Dh'fhàg e Take That ann an 1995. Faicibh Dealachadh Take That.

Leis fhèin deasaich

As dèidh Take That deasaich

As dèidh dhà Take That fhàgail, anns a' bhad thòisich Williams ga bhogadh fhèin ann an dòigh-beatha Ròc is Roll còmhla ris a' chòmhlan-ciùil Oasis. Lean seo ri strì gu math poblach le drogaichean agus deoch làidir. Chuir e air mòran cuideam agus bhiodh e tric a' nochdadh mar bhùrach, gun bhearradh is gun nighe. As dèidh dhà agus Oasis a dhol a-mach air a chèile gu math poblach, thug Noel Gallagher "That Fat Dancer from Take That" air.

Cha robh meadhanan ciùil na RA den bheachd gum biodh an Williams mì-mhodhail seo soirbheachail mar neach-ciùil. Bhathar an dùil gum biodh buill eile bho Take That na bu shoirbheachail, gu h-àraidh Gary Barlow agus gu h-ìre Mark Owen.

Life Thru A Lens deasaich

Ann an 1996, bha Williams deiseil airson a dhreuchd mar sheinneadair leis fhéin a thòiseachadh gu ceart. Mar a' chiad chlàr aige, chuir e a-mach "Freedom", seann òran le George Michael anns an Lùnastal. As dèidh greis ann an clionaig deoch-làidir, chaidh "Freedom" a leantainn le "Old Before I Die". Ràinig an dà chlàr àireamh a Dhà air cairtean na RA. Lean seo gu foillseachadh a chiad chlàr, Life Thru A Lens", nas anmoiche ann an 1997.

Bha "Freedom" agus "Old Before I Die" air Life Thru A Lens - ach bhathar dhen bheachd gun robh e na bhriseadh-dùil agus cha do shoirbhich an ath dhà chlàr idir; b' iadsan "Lazy Days" agus "South of the Border".

Angels deasaich

An t-òran mu dheireadh a chaidh a chur a-mach bhon chlàr aig àm na Nollaig 1997, bha "Angels" na òran gaoil, agus thog e Life Thru A Lens gu àireamh a h-Aon air na cairtean, (28 seachdainean as dèidh dhà a sgaoileadh). Tha cliù aige mar an t-òran a shabhail dreuchd Williams, agus tha e fhathast gu math taitneach gu mòran an-diugh.


Dh'fhàs Williams ainmeil gu math luath anns an Rìoghachd Aonaichte le mòran chlàran eile a' dol a-steach dhan Phrìomh Deich, ach cha robh buaidh mhòr aige anns na Stàitean Aonaichte. Bha Millennium, stèidhichte air criomag bhon òran James Bond You Only Live Twice, na àireamh a h-Aon anns an RA an an 1998 ach cha d' ràinig e ach àireamh 72 sna Stàitean.

I've Been Expecting You deasaich

Lean an dàrna clàr "I've Been Expecting You" air an dàigh James Bond is chaidh e gu àireamh a h-Aon anns an Dàmhair 1998. Ann an 1999, dh'obraich e le Tom Jones air a chlàr Reload.

Bha òran soirbheachail eile aige ann an 2000 le "Rock DJ", ach b' e am bhideo don òran a ghoid na ceann-naidheachdan. Anns a' bhideo, bha Robbie a' nochdadh aig roller disco nuair a rùisg e dheth aodach agus an uairsin a chraiceann, a fheòil fhèin buill-bhodhaig, gam biadhadh dha na dannsairean boireannach gus nach robh ach cnàmhach a' dannsa. Bha mòran connspaid ann a thaobh a' bhideo is chaidh a thoirmeasg ann an iomadh dùthaich.

Sing/Swing When You're Winning deasaich

As dèidh an treasamh clàr shoirbheachail Sing When You're Winning ann an 2000, chaidh soirbheachadh Robbie a dhearbhadh ann an 2001 nuair a ràinig e àireamh a h-Aon aig àm na Nollaig còmhla ris a' bhana-chleasaiche Astràilianach, Nicole Kidman, a' seinn an t-seann òran le Frank and Nancy Sinatra, Something Stupid.

Nochd Something Stupid air a' chlàr Swing When You're Winning, far an do sheinn Robbie iomadach òrain chlasaigeach mar "Ain't That A Kick In The Head" agus "Mack The Knife". Nochd an ath-chlàradh den òran le Bobby Darin, "Beyond the Sea" ann am Finding Nemo ann an 2003.

Escapology deasaich

Ann an 2002, sguir Robbie dheth sgrìobhadh còmhla ri a chom-pairteach-sgrìobhaidh, Guy Chambers. Ach, thàinig iad còmhla a-rithist sia miosan as dèidh sin airson Escapology, a chaidh a sgaoileadh anmoch ann an 2002. Bha clàr eile aige, "Feel," gu math soirbheachail san Roinn Eòrpa, 's e a' dol còmhla ri bhideo spaideil far an do nochd Darryl Hannah.

Chaidh an ath bhideo de "Come Undone," a ghearradh gu mòr le MTV air sgàth 's gun do sheall e Robbie a' dèanamh an oba-noga le dà bhoireannach phìosail. Cuideachd, bha mòran bhiastagan is daolagan anns a' bhideo. Aig an àm seo, dhealaich Robbie is Chambers gu oifigeil.

A dhreuchd o chionn ghoirid deasaich

Ann an 2002, chaidh Robbie a thaghadh mar fear dhe a' cheud Breatannaich as fhearr leis a' BhBC ach chaidh a thaghadh mar fear dhe na Breatannaich as miosa le Channel 4 ann an 2003.

Chaidh eachdraidh-beatha oifigeil a sgrìobhadh le Chris Heath, "Feel", agus chaidh fhoillseachadh ann an 2004. Dh'innis e mu na tachartasan a thàinig gu bàrr leis an "Live Summer Tour 2003", far an do chluich Williams air beulaibh barrachd is millean duine thairis air trì làithean ann an Lùnastal ann an Knebworth Park ann an Hertfordshire, le 3.5 millean a bharrachd ga choimhead beò air telebhisean agus air an eadar-lìon. Ro Knebworth, anns an Dùbhlachd 2003, rinn Williams tour de Astràilia agus an Sealainn Nuadh còmhla ri Duran Duran.

On a dhealaich e bho Chambers, tha Robbie air fheuchainn gus a luchd-càinidh àicheadh. Leis a' chom-paitreach-sgrìobhaidh ur, Stephen Duffy, tha Robbie air iomadh òran eile a sgrìobhadh, a' toirt a-steach an àireamh a h-Aon, "Radio",

Nochd 'Radio' air na "Greatest Hits" aige anns an Dàmhair 2004. Nochd Williams aig Live 8 ann an Lunnainn far an robh e na rionnag air an latha. Sheall e cho math 's a tha e mar sheinneadair agus a chomas le uimhir de dhaoine, gu h-àraidh nuair nach robh fios aig mòran air na faclan do "Feel".

Chuir Williams a-mach clàr ùr anns an Dàmhair 2005 air a bheil 'Intensive Care', a' beachdachadh air meadhan aois agus na trioblaidean is dùbhlain a tha na lùib, chaidh e gu h-àireamh a h-aon agus bha blas reggae air mòran dhe na h-òrain.

Dòigh-beatha Robbie deasaich

Tha Robbie singilte an-dràsta, 's e a' fuireach ann an Los Angeles, California. Chan eil daoine sam bith an sin ga aithneachadh. Tha mòran beachdachadh a' dol ann am meadhanan na Breatainne mu dheidhinn a ghnèitheachd mì-shoilleir agus a bheatha-gaoil. Tha Robbie air ìomhaigh mar gaoladair spaideil a bhrosnachadh agus tha mòran sgeulachdan ann a' bruidhinn air a chomasan ann an leabaidh. Bidh e tric a' taghadh bhoireannaich bhon luchd-èisteachd aig na cuirmean aige, agus a' toirt pòg (leis an teanga) dhaibh.

Ach bidh na sgeulachdan seo a' nochdadh gu math tric nuair a bhios clàr ùr aige ri reic.

Clàran deasaich

Clàran Stiùideo deasaich

Clàran 'Beò' agus co-chruinneachaidhean deasaich

  • Robbie Williams – Live At Knebworth (2003); #2 RA,
  • Greatest Hits (2004); #1 RA

Clàran Singilte deasaich

Iomraidhean deasaich


Ceanglaichean a-muigh deasaich