'S e baile beag faisg air Elías ann an Huila,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Rivera (Seann ainm: San Mateo).  Tha e suidhichte 20km air falbh bho Neiva, prìomh-bhaile na roinne, anns na na h-Andes. Tha àirde meadhanach dhe 705m os cionn ìre na mara. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 27˚ thar cheann, fad na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1888.

Rivera
municipality of Colombia
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailHuila Deasaich
Domhan-leud is -fhad2°46′38″N 75°15′19″W Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.rivera-huila.gov.co/ Deasaich
Map

Freumhan an Ainm deasaich

'S e ainm fa leth Spàinntis a th'ann Rivera. B’ e San Mateo a’ chiad ainm a chuireadh air chaidh atharrachadh gu Rivera ann an 1943 nuair a dh’fhàs am baile na bu mhotha agus chaidh a sgaradh bho Neiva fhèin. Chuireadh sloinneadh an sgrìobhadair José Eustasio Rivera air.

Sluagh a' bhaile deasaich

Ged a tha  16,684 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach  8,967 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Rivera (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.2% agus tha 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga.  ' S urrainn dhan 87.1% dhe na daoine ann an Rivera leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 32.3% dhe na dachannan.[5]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Rivera. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil deasaich

José Eustasio Rivera (18891928):  Sàr bhàrd agus sgrìobhadair.

Iomraidhean deasaich

  1. Riaghaltas na Roinne: Bailtean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Cololmbia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Rivera

 

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: