'S e aon de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Rhondda Cynon Taf [ˈr̥ɔnða ˈkənɔn ˈtaːv], ainm goirid RCT. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha agus tha e cho mòr ri 424km². [1] Ann an 2012 bha 235.599 [1] duine a' fuireach ann.

Rhondda Cynon Taf anns a' Chuimrigh

Tha e suidhichte ann an trì glinn, Rhondda Valley, Cynon Valley is Taff-Ely Valley. 'S iad Aberdâr is Pontypridd na bailtean as motha ann an Rhondda Cynon Taf.

Gnìomhachas deasaich

Le barrachd air 60 mèinnean bha mèinnearachd gu math làidir Rhondda Cynon Taf anns an 19mh linn. Ged a dhùineadh na mèinnean fo thalamh gu ìre mhòr thòisich mèinneadh fosgailte an dèidh sin: Tha mèinnean fosgailte fhathast rim faicinn gu h-àraidh san àirde a tuath na sgìre. Bha buaidh mhòr aca air an àrainneachd, bha na h-aibhnichean cha mhòr cho truaillte gun do bhàsaich an t-iasg annta gu lèir. Bha buaidh bho ghnìomhachas ceimigeach a bha stèidhichte ann an Groes-faen. [2]

Bailtean deasaich

Seo cuid de na bailtean ann an Rhondda Cynon Taf:

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd is dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)
  2. John Hughes; Pat Thomas (2007). "Burying The Truth". The Ecologist 37 (4): 33–63.