Ròn glas
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Carnivora
Teaghlach Phocidae
Gèineas Halichoerus
Spèiseas H. grypus
Ainm saidheansail
Halichoerus grypus Johan Christian Fabricius, 1791

'S e mamal a tha ann an ròn glas (Halichoerus grypus) a bhuineas don teaghlach Phocidae. 'S e sin an aon seòrsa a th' anns a' ghnè Halichoerus. Anns a' Bheurla canar gray seal riutha anns na Stàitean Aonaichte; tha e ainmichte cuideachd mar Atlantic grey seal no horsehead seal.[1] 'S e facal Greugach a th' ann an Halichoerus a tha a' ciallachadh muc mara. [2]

Roinneachd deasaich

 
Roinnean far a bheil na ròin ghlasa beò

Tha na ròin ghlasa rim faicinn air costachan a' Chuain a Tuath far a bheil iad a' fuireach air cladaichean le oitirean-gainmhich no air costachan creagach. Tha an ròn glas gu math cumanta anns na h-Eileanan Siar.

Coltas deasaich

Chan eil e furasta eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar ròn glas is ròn cumanta agus gu h-àraidh ma bhios iad anns an uisge. 'S e meud nan inbheach, pàtran a' chòta is cumadh a' chinn na prìomh fheartan a tha gan dealachadh bho chèile.

Tha ròin ghlasa nas motha na ròin chumanta. Mar as trice tha an ròn glas fireann mu 2.5–3.3 m (8.2–11 ft) a dh'fhaid agus faodaidh 170–310 kg (370–680 lb) de chuideam a bhith ann an ròin fhireann air fàs.Tha an tè bhoireann nas lugha, tha iad mu 1.6–2.0 m (5.2–6.6 ft) a dh'fhaid le 100–190 kg (220–420 lb) de chuideam. [2] Tha còta an ròin fhireann buailteach air a bhith dorch air fad, fad' s a tha còta nan ròin bhoireann nas dà-dhathaiche le pàtran spotach nas fhaicsinniche air a còta. Tha sròn Ròmanach fhada orra, gu h-àraidh air ròin ghlas fhireann, le cuinnleanan co-shìnte ri chèile is mòran smiogaidean timcheall orra. Tha am beul air cùlaibh gob na sròine reamhar agus tha na sùilean suidhichte air taobh a' chinn.

Briodachadh deasaich

 
Cuilean, 10 làithean a dh'aois

Bidh ròn boireann a' breith aon chuilean air tìr. Tha còta geal air a' chuilean aig àm breith. Air sgath 's gu bheil bainne na màthar gu math saidhbhir ann an geir bidh an cuilean a' tighinn dhen chìch aig aois eadar trì is còig seachdainean. An uair sin tha e neo-eisimeileach gu leòr gus fhalbh a-mach gu muir. A rèir coltais chan eil cùram sam bith bho phàrantan ann an dèidh sin do na cuileanan.

An dèidh dà no trì seachdainean às dèidh breith, bidh an dàir a' tighinn air na ròin ghlasa bhoireann agus bidh iad a' briodachadh a-rithist. Bidh iad a' cruinneachadh as t-fhoghar aig colonaidhean briodachaidh tradaiseanta is a' tilleadh chun an dearbh àite gach bliadhna. Gu àbhaisteach bidh mòran den ròin bhoireann a' tilleadh don cholonaidh far an do rugadh iad. Bidh ròn fireann a' dìon buidhnean ròin bhoireann a bhios a' cleachdadh a' phìos talmhainn sin.

Tha àm briodachaidh a' crochadh air suidheachadh an àite. Tha e nas tràithe ann an iar-dheas Bhreatainn agus nas fadalaiche ann an ceann a tuath na dùthcha. Tòisichidh na ròin air briodachadh anns na h-Eileanan a-staigh agus an uair sin anns na colonaidhean anns na h-Eileanan a-muigh. Tha briodachadh a' tachairt nas fhadalaiche ann an Arcaibh fad 's a tha na colonaidhean taobh an ear Chataibh agus Linne Fhoirthe aig an deireadh.

Bidh an tè bhoireann a' co-aonadh le co-dhiù aon ròn fireann. Bidh sin a' gabhail àite air tìr, ann an uisge eu-domhainn no ann an uisge nas doimhne. Airson a' cho-aonaidh bidh an ròn fireann a' bìdeadh cùl-amhaich an ròin bhoirinn agus ga greimeachadh le a phliutanan toisich, gus bacadh a chur oirre bho theicheadh no bho chus ghluasad.

Iomraidhean deasaich

  1. Mowat, Farley, Sea Of Slaughter, Atlantic Monthly Press Publishing, First American Edition, 1984.
  2. 2.0 2.1 Marine-mammals, a' tarraing air 24.2.2014
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: