B’ e dùthaich mheadhanach[1] aig an robh pìosan fearainn beaga air an sgaoileadh air feadh na Gearmailt agus a mhair bho 1803 gu ruige 1866 a bh’ anns A' Phrionnsalachd-taghaidh Hessen-Kassel (Gearmailtis: Kurfürstentum Hessen-Kassel). B’ e Kassel a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha[2] agus b' e an Teaghlach Lorraine-Brabant a bha os a cionn.[3] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1803 nuair a dh' àrdaich an Diùcachd Hesse-Kassel gu Phrionnsalachd-taghaidh, nuair a bha Napoleon Bonaparte a' feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air structair phoileataigeach na Gearmailt,[4] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Ghabh Rìoghachd Westphalen (a bha na ball a thaobh Co-chaidreachas na Rèine) os làimh Hessen-Kassel an dèidh Chòradh Tilsit ann an 1807 gu ruige crìoch Westphalen ann an 1814. Chaidh Hessen-Kassel a leasachadh nuair sgaradh Prionnsalachd Isenburg eadar Hessel-Kassel agus Àrd-Dhiùcachd Hesse.[5] Chaidh Hesse-Kassel a thoirt a-steach dhan Phruis ann an 1866.

Prionnsalachd-taghaidh Hesse-Kassel
Kufürstentum Hessen-Kassel
18031866
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1803
Bliadhna mu Dheireadh 1866
Prìomh-Bhaile Kassel
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 9,581 km2
Àireamh-shluaigh 745,063 (1864)
Dlùths 77.76/km2

Ceannardan deasaich

  • Wilhelm I. 1803 – 1821
  • Wilhelm II. 1821 – 1847
  • Friedrich Wilhelm 1847 – 1866

Iomraidhean deasaich

  1. Ohio
  2. HGISG
  3. Almanach de Gotha
  4. Napoleon
  5. Almanach de Gotha