Port Aiseig a' Chrìch

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 54′ 00" Tuath
4° 23′ 00" Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 679 (2011)
Àireamh fòn 01671
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

'S e baile agus port air iomall Baile Ùr nan Stiùbhartach ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Port Aiseig a' Chrìch (Beurla: Creetown, ainm bho thùs: Ferrytown of Cree). Tha e suidhichte mu 18 mìltean deas air Caisteal Dhùghlais. 'S e seo na co-chomharran aige: 54° 54′ 0″ Tuath agus 4° 23′ 0″ Iar. Tha timcheall air 679 duine a' fuireach an seo. [1] Chaidh am baile a thogail ann an 1785 agus bho 1792 tha e na bhaile-malairt (burgh of barony). Tha port mara beag aige. Tha ionad-dualchais aige far a bheil iad a' dèanamh pròiseict air a bheil an t-ainm: "Oral History Project". Bidh seann daoine ag innse mun dòigh-bheatha aca ann am Port Aiseig a' Chrìch. Mar sin tha cruinneachadh mòr ann a-nise a cleachdar airson rannsachadh agus mìneachadh eachdraidh a' bhaile anns na 70 bliadhna sa chaidh. Chleachd Sir Walter Scott cuairteachadh a' bhaile anns an leabhar aige: Guy Mannering.

Eachdraidh deasaich

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1363 mar Creth.[2] Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Phort Aiseig a' Chrìch.[3] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh an seo ann an 1973.[4]

Iomraidhean deasaich

  1. City Population
  2. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  3. Old Roads of Scotland
  4. Movie Locations

Ceanglaichean a-mach deasaich