Poll an Achaidh

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 53′ 38" Tuath
3° 50′ 27" Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 148 (2011)
Àireamh fòn 01556
Duilleag oifigeil Palnackie aig Discover Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Caisteal Dhùghlais air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Poll an Achaidh. Tha e suidhichte aig 8m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Achadh nan Càrn agus Dail Bheithe, ri taobh na h-aibhne Uisge Urr. Tha e 27 km air falbh bho Dhùn Phrìs, 109 km bho Glaschu, 77 km bhon An t-Sròn Reamhar agus 125 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 148 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Poll an Achaidh, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas.

Eachdraidh deasaich

Ged nach eil am baile idir cho cudromach do mhalairt neo iasgach an latha an-diugh, bha e na bu treasa taobh ghnìomhachas sna linntean a dh’ dh’ fhalbh oir bha port a’ pharraist suidhichte an seo leis nach robh an t-Uisge Urr glè dhomhainn. Chuireadh stad air an gnothaich seo mu 1965.[5] Gu ruige 2014 bhathar a' cumail Farpais Eadar-nàiseanta Saltraich na Leòbaige[6] an seo gach bliadhna ach sguireadh an fharpais o chionns cho cosgail 's a bha an t-àrachas.

Ri Fhaicinn deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Meteo Consult
  2. Distance Calculator
  3. EVI
  4. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  5. History of Dalbeattie
  6. The Scotsman