Palmira
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Valle del Cauca
Sgìre Deas
Àirde 1001m
Co-chomharran 03 32' 05' Tuath
76° 17' 44' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,123 km²
Àireamh-shluaigh 284,470 (2005)
Dlùths 253.31/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach agus sgìre ann an Valle del Cauca, Coloimbia,[1] a th’ ann am Palmira. Tha e suidhichte aig 1001m os cionn ìre na mara agus 26km air falbh bho Chali, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd mheadhanach mu 23˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh gu h-oilfigeil ann an 1824, ged a bha baile ann fiù' s ann an 1680.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 228, 122 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 284,470 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail nan sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dagua, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 14.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 93.6% nan daoine ann am Palmira leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 68.5% nan dachannan.[5]

Eachdraidh deasaich

Mar gach uile sgìre sa ghleann mhòr sin, bha àiteachas aig teis-mheadhan an eaconomaidh, gu h-àraidh siùcar agus tombaca. Phòs Guillermo León Valencia, a bha na cheann-suidhe eadar 1962 agus 1966, aig tè à Palmira ann an 1931. B' e Susana López Navia an t-ainm a bh' oirre.[6]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Palmira. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Oilthighean deasaich

Clachain deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Climate Data
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. New York Times
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann am Palmira