B' e treas Shultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Murad Bey (ainmean slàn: Murad bin Orhan, far-ainm: Hüdavendigâr, Amasya 1326Prishtina 1389).[1] B' e mac Orhan agus Nilüfer Hatun a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1362 gus a chaidh a mharbhadh a' sabaid an aghaidh nan Sèirbianeach ann an 1389. Ghluais e prìomh-bhaile na dùthcha bho Bhursa gu Erdine, a cheannsaich e ann an 1363. Leasaich e flaitheanas nan Otomanach air feadh nam Balcain agus chuir e ruaig air an Impireachd Bheasantian sa sgìre.[2] A bharrachd air na Sèirbich, b' fheudar dha shabaid an aghaidh nan Albàinianach, Bulgàireanaich agus Ungairich. Roinn e an dùthaich ann an dà roinn: Rumelia san Roinn-Eòrpa agus Anatolia ann an Àisia.[3] Cha robhar a' cleachdadh an ainm Impireachd nan Otomanach aig an àm siud.

Murad I
sultan Impireachd nan Otomanach

1362 (Gregorian) - 1389 (Gregorian)
Orhan - Bayezid I
Beatha
Breith Bursa, 29 dhen Ògmhios 1326 (Gregorian)
Ciad chànan Old Anatolian Turkish (en) Translate
Bàs Kosovo Field (en) Translate, 28 dhen Ògmhios 1389
Àite-adhlacaidh Bursa
Nàdar a’ bhàis murt duine (sàthadh)
Murtair Miloš Obilić (en) Translate
Teaghlach
Athair Orhan
Màthair Nilüfer Hatun
Cèile Gülçiçek Hatun (en) Translate
Kera Tamara (en) Translate  (1370 (Gregorian) -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Foghlam
Cànain Old Anatolian Turkish (en) Translate
Arabais
Dreuchd
Dreuchd riaghladair
Creideamh
Creideamh Ioslam

Iomraidhean deasaich

  1. All About Turkey
  2. Tarihin.
  3. Imber, Colin (2009). The Ottoman Empire, 1300-1650: The Structure of Power (2 ed.). New York: Palgrave Macmillan. ISBN 978-0-230-57451-9.