'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am mendelevium le samhla Md agus àireamh atamach 101. 'S e actanach agus meatailt rèidio-bheò a tha ann. 'S e an aidheon +3 as cudromaiche ann an ceimigeachd de mhendelevium ach tha an cor ogsaideachaidh II ann cuideachd.

Mendelevium
Greasadair-mhìrean aig Oilthigh Bherkeley
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Md
Àireamh 101
Ùine 7
Bloca f
Seòrsa Actanach
Buadhan stuthach
Dath Chan eil fhios againn
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da (258) neo-sheasmhach
Comh-dhealbhadh atamach [Rn] 5f13 7s2
Cor ogsaideachaidh +2, +3

Rinneadh caractarachd ri 16 iosatòpaichean de mhendelevium. 'S e 258Md, le leth-bheatha 51 laithean, as seasmhaiche.

Eachdraidh deasaich

Ann an 1955 rinn Albert Ghiorso, Glenn T. Seaborg, Gregory R. Choppin, Bernard G. Harvey, agus Stanley G. Thompson seachd ataman deug de mhendelevium leis an greiseadar-mhìrean aig an Oilthigh Berkeley. Bhuail iad ataman einsteinium-253 le niùclasan helium agus rinn iad mendelevium-256, le leth-bheatha 1.27 uairean a thìde.

Dh'ainmich iad air Dmitri Mendeleev e, air sgàth 's gum b' e a' chiad eileamaid san dàra ceud eileamaidean.[1]

Cleachdadh deasaich

Tha mendelevium rèidio-bheò agus glè thearc, mar sin chan eil cleachdaidhean ann air a shon.

Iomraidhean deasaich

  1. IUPAC Adopts Final Recommendations for Names of Transfermium Elements”, IUPAC. 30mh dhen Lùnasdal 1997. Air a thogail 30mh dhen Iuchar 2017.