B' e neach-teòiridh Nàsach às An Laitbhe a bh' ann am Max Erwin von Scheubner-Richter (Latbhais: Ludvigs Rihters, Riga, 21 am Faoilleach 1884 - München, 9 an t-Samhain 1923).[1] Na Ghearmailteach cinnidheach Baltach, rugadh agus thogadh von Scheubner-Richte ann an coimhearsanchd mhion-shluagh, far a bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach - bha athair na cheòladair proifeiseanta. Fhuair e a chuid foghlaim aig Rīgas Tehniskā universitāte, agus an uair sin rinn e dotaireachd ann am München. Bha e an sàs ann am mailisidh na làimhe deise ann na Ar-a-mach na Ruise ann an 1905 agus phòs e aig Mathilde von Scheubner, a bha 19 bliadhna na b' aosta na esan.[2] Chuir e seachad bliadhnaichean A' Chogaidh Mhòir na shaighdear anns an fhronta an ear, far an robh a chuid chomasan ann an Ruisis feumail, agus na riochdaire dioplòmasach ann an Erzurum ann an Impireachd nan Otomanach.[3] Chunnaic e gu robh Uile-losgadh an aghaidh nan Airmeinianach a' tachairt agus rinn e càineadh air.[4] Ghabh e anns na Freikorps an dèidh A' Chogaidh. Bha e na bhall a' Phàirtidh Nàsach on toiseach-toisichidh agus bha e an sàs ann an Hitlerputsch ann an 1923, anns a fhuair e bàs. Thug von Scheubner-Richter buaidh uabhasach fhèin làidir air Adolf Hitler.

Max Erwin von Scheubner-Richter
Beatha
Breith Riga, 21 dhen Fhaoilleach 1884
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs München, 9 dhen t-Samhain 1923
Nàdar a’ bhàis unnatural death (en) Translate (leòn peileir)
Foghlam
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat agus neach-poileataigs
Seirbheis san arm
Ìre leifteanant
Strì An Cogadh Mòr
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Nàsach

Iomraidhean deasaich

  1. Evans, Richard J. (2004). The Coming of the Third Reich. Penguin Press, ISBN 978-1-59420-004-5.
  2. Michael Kellogg, The Russian Roots of Nazism: White Émigrés and the Making of National Socialism, 1917–1945, Cambridge University Press, 2005, ISBN 9780521070058.
  3. Martin Kröger: Im wilden Kurdistan. Die militärische Expedition in der Osttürkei 1914–1916. Ann an: Wilfried Loth, Marc Hanisch: Erster Weltkrieg und Dschihad. Oldenbourg, München, 2014.
  4. Schaller, Dominik J. (2002). Kieser, Hans-Lukas; Schaller, Dominik J., Armenian genocide and the Shoah.