B' e eucoireach-cogaidh nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann am Martin Gottfried Weiß (Weiden in der Oberpfalz, 3 an t-Ògmhios 1905 - Landsberg am Lech, 29 an Cèitean 1946).[1] Rugadh agus thogadh Weiß ann am baile beag sa Bhaidhearn agus bhuinneadh e do theaghlach clas-obrach Caitligeach - dh'obair athair air na trèanaichean. Rinn e trèanadh ann an innleadaireachd a dèidh na sgoile agus chuir e seachad trì bliadhna ag obair às leth chompanaidh dealain. Ghabh e sa Phàrtaidh Nàsach ann an 1926 an dèidh an Hitlerputsch agus, air ceann sreatha, san SS.[2] Thoisich e ann an KZ Dachau ann an 1933 agus fhuair e àrdachadh gu ceannard KZ Neuengamme ann an 1940. An ceann dà bhliadhna, ann an 1942, bha e air ais ann an KZ Dachau far an robh e gu ruige 1943, nuair a chaidh ainmeachadh ceanard KZ Majdanek.[3] Fhad's a bha e an sàs anns na campaichean, chuireadh iomadh doine gu bàs, ciorramaich agus Iùdhaich nam measg. Bha Weiß air a dhìteadh an dèidh a' Chogaidh agus chaidh a chrochadh air 29 an Cèitean 1946 airson an uilc a rinn e.

Martin Gottfried Weiß
Nazi concentration camp commandant (en) Translate

Beatha
Breith Weiden in der Oberpfalz, 3 dhen Ògmhios 1905
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Landsberg am Lech (en) Translate, 29 dhen Chèitean 1946
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (crochadh)
Foghlam
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd luchd an airm
Àitichean-obrach Dachau concentration camp (en) Translate
Ballrachd Schutzstaffel
Seirbheis san arm
Meur an airm Schutzstaffel
Ìre Obersturmbannführer (en) Translate
Strì An Dàrna Cogadh
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Nàsach

Iomraidhean deasaich

  1. Zámečník, Stanislav (2002), Das war Dachau, Lucsamburg: Comité International de Dachau.
  2. Karin Orth: Die Konzentrationslager-SS, München, 2004.
  3. Ernst Klee: Das Personenlexikon zum Dritten Reich: Wer war was vor und nach 1945. Fischer-Taschenbuch-Verlag, Frankfurt am Main 2007.