Mariquita
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Tolima
Àirde 495m
Co-chomharran 05° 11' 54' Tuath
74° 53' 37' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 379.52 km²
Àireamh-shluaigh 32,933 (2005)
Dlùths 86.78/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach faisg air Honda ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann am Mariquita (ainm slàn: San Sebastián de Mariquita). Tha e suidhichte aig 495m os cionn ìre na mara 118km air falbh bho Bhogotá[2] agus 120km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le cìomaid gu math teth a th’ ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 26.1˚ aige, rè na bliadhna.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1551.

Eachdraidh deasaich

B' e Pantágoras, Panches, Marquetones, Panchiguas, Lumbies, Chapaimas, Palamoimas, Hondas, Gualíes agus Bocanemes na treubhan Tùsanach a bh' ann an seo mus do ràinig na Spàinntich: tha beul-aithris na sgìre ag ràdh gu robh mu 30,000 cathaich uile gu lèir. Chaidh am baile a th' ann a-nis a stèidheachadh air 28 an Lùnastal 1551 le Francisco Núñez Pedroso.[4] B' e na mèinnean (airgead agus òr) a chumadh eaconomaidh na sgìre a' dol fad linntean. Chaochail Gonzalo Jiménez de Quesada an seo ann an 1579. Chaidh prìomh oifisean Triabhall Luibh-eòlasach Rìoghail, fo stiùireadh José Celestino Mutis, stèidhichte ann am Mariquita ann an 1788.[5] Ghairm anRoinn Mariquita a chuid neo-eisimeileachd 1812, ach b' e Honda a bh' ann a prìomh-àite. Chaidh an stàit bheag sin a roinneadh ann an trì sgìre na bu lugha ann an 1824: Mariquita, Honda, Ibagué agus La Palma. Thug an tubaiste a thachair ann an Armero - dìreach 32km air falbh bhon bhaile - buaidh gu math làidir air Mariquita.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 23,529 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha 32,933 duine a’ fuireach san sgìre air fad, a' toirt a-steach nan sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala agus mestizos a th'ann a' mhòr-chuid nan daoine ann am Mariquita. Tha 3.5% dhuibh aig a bheil freumhan ann an Afraga agus 0.2% dhe Tùsanci. 'S urrainn dhan 89.2% nan daoine ann am Mariquita leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 31.3% nan dachannan.[8]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Mariquita. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain deasaich

  • Albania
  • Alto Rico
  • Borde de Medina
  • Camelias
  • Carrizales
  • Cerro Gordo
  • El Cariaño
  • El Caucho
  • El Hatillo
  • El Mercado
  • El Pomo
  • El Porvenir
  • El Rano
  • El Rodeo
  • El Silencio
  • Fatima
  • Flor Azul
  • Guacas
  • La Cabaña
  • La Guardia
  • La Mesa
  • La Parroquia
  • Las Lomas
  • Las Marias
  • Mal Paso
  • Malabar Alto
  • Malabar Bajo Puerto Negro
  • Orita
  • Pantano Grande
  • Piedras Negras
  • Pitalito
  • Pueblo Nuevo
  • Quebrada Honda
  • San Andres
  • San Antonio
  • San Diego Alto
  • San Diego Bajo
  • San Geronimo
  • San Juan
  • Todo Santos

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann am Mariquita

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Las Distancias
  3. Climate Data
  4. Banrepcultural
  5. Arcadia
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia