Județul MaramureşMáramaros Megye/Мараморо́щина
Gearradh-arm
no Seula
Dealbh
Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Prìomh-bhaile Baia Mare
Roinn Eachdraidheil Maramureş
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 6,304 km²
Àireamh-shluaigh 516,562 (2011)
Dlùths 81.94/km²
Àireamh fòn +40 262/362
Clàr Àireamh-carbaid MM
Duilleag oifigeil Riaghaltas Roinneil

'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann am Maramureş (IPA: maraˈmureʃ, Gearmailtis: Marmarosch, Ungairis Máramaros, Ucràinis: Мараморо́щина). Tha e suidhichte eadar Sǎlaj, Suceava, Bistrița-Năsăud, agus Satu Mare. 'S e Baia Mare a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Maramureş an 15mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 17mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]

Eachdraidh deasaich

Thathar dhen bheachd gur dòcha gur ann à ainmeanabhainn, an Mara agus am Mureș, a th' ann ainm na roinne[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ann an 1876 ri linn atharraidhean rianachail anns an Ungair. Bhuineadh Maramureş, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir, ged nach robh ach mion-chuid Ungaireach ann.[5] Chaill An Ungair Maramureş ann an 1920.[6]

Cinnidheachd deasaich

  • Romàinianaich – 82.02%[7]
  • Ungairianaich – 9.07%
  • Romani – 1.74%
  • Ùcrainianich – 6.67%
  • Eile - 0.50%

Creideamhan deasaich

Bailtean as Motha deasaich

Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis (agus Ucràinis) aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[9]

Baile Muinntir
Baia Mare (Gearmailtis: Neustadt neo Frauenbach, Ungairis Nagybánya) 123,738
Sighetu Marmației (Gearmailtis: Marmaroschsiget, Ungairis: Máramarossziget) 37,640
Borșa (Gearmailtis: Borscha, Ungairis: Borsa) 27,611
Baia Sprie (Gearmailtis: Mittelstadt, Ungairis: Felsőbánya) 15,476
Vișeu de Sus (Gearmailtis: Oberwischau, Ungairis: Felsővisó) 15,037
Târgu Lăpuș (Gearmailtis: Laposch, Ungairis: Magyarlápos) 11,744
Poienile de sub Munte (Gearmailtis: Reußenau, Ungairis: Ruszpolyána, Ucràinis: Русь Поляни) 10,073
Moisei (Gearmailtis: Mosesdorf, Ungairis: Majszin) 9,264
Seini (Gearmailtis: Leuchtenburg, Ungairis: Szinérváralja) 8,987
Șomcuta Mare (Gearmailtis: Großhorn, Ungairis: Nagysomkút) 7,565
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[10]

Bailtean Eile deasaich

Daoine ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Nutritionist Cluj
  2. Welcome to Romania
  3. Criticatac
  4. Adevǎrul
  5. Könyvtár
  6. Hungarian History
  7. Centru de Resurse pentru Diversitate Etnoculturalǎ
  8. Népszamlalas
  9. OSZK
  10. City Population

Ceanglaichean A-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: