Chaidh mìosachan poblachdach na Frainge, no am mìosachan reabhlaideach, a chruthachadh ri linn aramach poblachdach na Frainge, 's a chur an sàs bho 1792 gu 1806. Chaidh a chleachdadh cuideachd rè àm Chomann Paris airson ùine gheàrr. Ged a chuireadh air chois e air 22 Sultain 1792 (ceann-là ris an canar 1d vendémiaire bliadhna a h-aon, far a bheil vendémiaire na mhìos-toisich den mhìosachan phoblachdach), air latha gairm Poblachd na Frainge, chaidh a chur an gnìomh air 6 Dàmhair 1793, air a' chiad vendémiaire bliadhna a dhà, agus thugadh ciad latha "linn nam frangach" air.

Mìosachan airson na bliadhna II