Luleå
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Norrbotten
Sgìre Norrbottens län
Co-chomharran 65° 35 04′ Tuath
22° 09 14′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 29.09 km²
Àireamh-shluaigh 46,607 (2010)
Dlùths 1,602.17/km²
Àireamh fòn (+46) 0920
Duilleag oifigeil http://www.lulea.se/

‘S e baile meadhanach agus port faisg air Boden ann an ceann a tuath na Suaine a th’ ann an Luleå (IPA: ^leʉːɽ, Davvisámegiella: Luleju, julevsámegiella: Julevu, Suomais: Luulaja). Tha e suidhichte ann an tairbeart eadar Loch Luleälven agus Bottenviken, ri taobh na Mara Bhaltaich eadar Piteå agus Kemi (Suòmaidh), anns an sgìre Norrbottens län,[1] 396km air falbh bho Helsingborg, 128km bho Uppsala agus 317km bho Ghöteborg. Tha 46,607 duine a' fuireach ann.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1621.

Freumhan an ainm deasaich

Tha e coltach gur ann à dà fhacal - (bruach/àite ri taobh abhainn) ann an Suainis agus lulij (daoine an t-srutha) ann an julevsámegiella - a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin Bruach Daoine an t-Srutha dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh deasaich

Ann an 1649 chaidh am baile a ghluasad bhon t-seann bhaile - far a bheil an eaglais shean (gammelkyrja) - dhan àite far a bheil e an latha an-diugh leis gu robh am Bàgh air fàs gu math eu-domhainn a chuir bacadh air luingearachd.[4] B' atharrachadh iar-eigh-shrutha e a bha aig cnag na cùise. Thathar dhen bheachd gum bi sin na thrioblaid air feadh a' Chaolais san àm i teachd. Chaidh am baile na smàl ann an 1653, 1657 agus 1887. Chaidh Luleå ainmeachadh prìomh-bhaile na roinne an àite Piteå ann an 1865. Thug sin piseach air malairt.[5] Thogadh àrd-eaglais ann an 1893. Dh' fhosgail an t-Arm agus feachdan an adhair bunaitean an seo aig àm an dàrna cogaidh.

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Michelin
  2. SCB
  3. Svenskt Ortnamnslexikon 2003 150
  4. Uppslagsverk
  5. SCB
  6. IMDB

Ceanglaichean a-mach deasaich