Co-chomharran: 57°43′53″N 4°55′18″W / 57.731500°N 4.921600°W / 57.731500; -4.921600

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Droma.[1] Tha e suidhichte ann am Frìth Fanaich faisg air an A835 a leanas gu Ulapul.

Loch Droma

Loch Droma ann am Frìth Fanaich
Bàrr uisge (m os cionn na mara) 274
Fad (m) 1.600
Sruth a-steach Allt Coireag a' Chaorrainn
Às-sruth Abhainn Droma
Suidheachadh
Loch Droma is located in Alba
Loch Droma
Loch Droma (Alba)
Suidheachadh Frìth Fanaich
Comharradh-clèithe NH261750

An loch deasaich

Tha an loch seo cho mòr ri 43.6 ha (107.7 acair). 'S e 4.7 km (2.9 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 1.6 km a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Tha cuid eileanan anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 274 m (899 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 12.8 km (8 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch a' lìonadh le Allt Coireag a' Chaorrainn agus alltan beaga eile agus tha an t-uisge a' sruthadh às an loch seo tro Abhainn Droma chun an iar-thuath.

'S e loch-tasgaidh a th' ann a chaidh a chruthachadh ann an 1950an airson a' phròiseict Neart nan Gleann. Chaidh dama a thogail ann gus bàrr an uisge ag àrdachadh agus cleachdar an t-uisge seo gus Loch a' Ghlais-Chàrnaich a' lìonadh.[2] Bhon Loch a' Ghlais-Chàrnaich tha an t-uisge a' sruthadh tro thunail a tha mu 8 km air fad chun an stèisean-cumhachd Mossford Power Station. Gheibhear mu 18.6 megawatt, agus mu 121 millean kWh sa mheadhan gach bliadhna a-mach às an stèisean-cumhachd seo[2]. B' e sin aon de na damaichean a chaidh a thogail gus dealan-uisge a chruthachadh airson an Conon Hydro-Electric Power Scheme. An-diugh tha an sgeama a' gabhail a-steach sia damaichean agus seachd stèiseanan-cumhachd uisge[2]

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British LakesTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. 2.0 2.1 2.2 Neart nan GleannTeamplaid:Fix/category[dead link] tdd 10-11

Faic cuideachd deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: