Co-chomharran: 56°37′00″N 4°44′04″W / 56.616685°N 4.734549°W / 56.616685; -4.734549

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Bà. Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Loch Buidhe san àird an ear-thuath dheth.

Sealladh bhon A82 chun an ear air Loch Bà
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Bà
Suidheachadh Loch Bà air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 2.49 mìle (4.00 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas motha na mìle aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu leth mhìle a leud. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. Tha Loch Bà cho mòr ri 12.37 km² (0.92 mìle ceàrnagach) agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige cho mòr ri gu bhith 4,5 mhìle ceàrnagach (11.6 km²). Ach tha e a' gabhail a steach an t-uisge bho Loch Buidhe, Lochan na Stainge is Lochan na h-Achlaise cuideachd, mar sin tha an àrainn drèanaidh uile gu lèir cho mòr ri gu bhith 17.5 mìle ceàrnagach. 'S e 7.8 troigh (2.4 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 29.8 troigh (9.1 m) aig an àite as doimhne.[1]

An t-àite far a thèid an t-uisge bho Lochan na Stainge do Loch Bà, dìreach ri taobh an rathaid A82

Tha bàrr uisge an locha mu 957 troigh (291 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh le Abhainn Bà san iar agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an ear tro Abhainn Bà gu Loch Laidon. Tha mòran eileanan ann an Loch Bà, nam measg Eilean Molach is Eilean na h-Iolaire.

Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach no faisg air Loch Bà. Mar sin chan eil rathaidean ann ach aig ceann an ear-thuath an locha, far a bhios an A82 a' dol seachad. Tha Loch Bà math airson iasgach, gu h-àraidh bric. [2]

Iomraidhean deasaich

  1. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 62, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  2. Rannoch Moor Trout Fishing Fiosrachadh mu iasgach ann an Loch Bà (Beurla)

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: