Tha Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh (Cuimris: Llyfrgell Genedlaethol Cymru; IPA: ˈɬəvrgeɬ geneˈdlaɪθol kəmˈrɪ) suidhichte ann an Aberystwyth. Chaidh a stèidheachadh ann an 1907. Tha an leabharlann a' gabhail a-steach nas motha na 4 millean leabhar agus tha 30.000 làmh-sgrìobhainn ann a tha gu math tearc is prìseil.

Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh
Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh
Stèidhichte 1907
Suidheachadh Ceredigion
Làrach-lìn https://www.library.wales/, https://www.llyfrgell.cymru/

Am measg nan leabhraichean cliùiteach tha a' chiad leabhar ann a bha sgrìobhte ann an Cuimris, nochd e ann an 1546. [1] Tha a' chiad eadar-theangachadh dhen bhìoball às a' bhliadhna 1588 ri fhaicinn cuideachd. Chithear làmh-sgrìobhainn mar Llyfr Du Caerfyrddin (Beurla:The Black Book of Camarthen), am fear as sine (timcheall air 1250) sgrìobhte gu tùr ann an Cuimris [2] agus The Book of Taliesin (Cuimris: Llyfr Taliesin) le bàrdachd às an 14mh linn.

Rìgh Cuimreach, is dòcha Hywel Dda, ann am Peniarth MS 28, Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh

Iomraidhean deasaich

  1. Yny lhyvyr hwnn
  2. Daniel Huws dhen Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh (Llyfrau Cymraeg 1250-1400, Aberystwyth 1993).

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: