'S e cruinneachadh de seann làmh-sgrìobhainnean a tha ann an Leabhar Deathan Lios Mòir (Beurla: Book of the Dean of Lismore). 'S ann air Seumas MacGriogair a tha an leabhar seo air ainmeachadh. Bha e na dheadhan ann an àrd-eaglais Lios Mòir aig an àm ud agus rinn e an cruinneachadh còmhla ris a bhràthair Donnchadh a bha na bhàrd.

Duilleag à Leabhar Deathan Lios Mòir

Tha an leabhar a' gabhail a-steach teacsaichean ann an Gàidhlig, ann an Gaeilge agus ann an Beurla Ghallda, uaireannan ann an Laideann cuideachd. Chaidh iad a chruinneachadh eadar 1512 agus 1526 agus mar sin 's iad na sgrìobhainnean as sine ann an Gàidhlig na h-Alba.

Bàrdachd deasaich

A-measg sgrìobhadairean eile tha e a' gabhail a-steach bàrdachd bho:

Tha an dàn A phaidrín do dhùisg mo dhéar a' nochdadh anns an leabhar seo.

Tùsan deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich