Le Rouge et le Noir
(Dearg agus Dubh)
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Stendhal
Bliadhna Foillseachaidh 1830
Cànan Fraingis
Dùthaich An Fhraing
Gnè-sgrìobhaidh Fìorachas, Bildungsroman
Cuspair Nobhail Eachdraidheil, inntinn-eòlach, Poileataigeach agus Sòisealta
Suidhichte Besançon, Franche-Comté agus Paris

'S e nobhail eachdraidheil, inntinn-eòlach,[1] poileataigeach agus sòisealta Fraingis, air a sgrìobhadh le Stendhal ann an stoidhl fìorail tràth, 's th' ann an Le Rouge et le Noir (Gàidhlig: Dearg agus Dubh). Chaidh fhoillseachadh airson a' chiad turais ann an 1830.[2] Suidhichte ann am Besançon, Franche-Comté agus Paris, ann an co-theacsa Ath-stèidheachadh nam Bourbon, a mhair bho Bhlàr Waterloo ann an 1815 gu ruige Ar-a-mach an Iuchair ann an 1830,[3] 's ann mu ciamar a bheir duine òg bochd às an dùthaich air adhart fad a bheatha 's a tha an leabhar. 'S e an Eaglais Chaitligeach agus an t-Arm 's a na dathan dearg agus dubh a' ciallachadh, leis gum bu chòir do Julien Sorel roghnachadh eadar dà shlighe a-mach à bochdainn.[4] Mar sin, 's e bildungsroman 's ann Le Rouge et le Noir. Thug na sgrìobh Stendhal buaidh uabhasach fhèin làidir air sgrìobhadairean eile mar Jean-Paul Sartre agus André Gide, a thuirt gur e nobhail gu math adhartach 's a bh'ann.

Iomraidhean deasaich

  1. Cairn
  2. Garzanti, Aldo (1972). Enciclopedia Garzanti della letteratura, Milano: Garzanti.
  3. Dominique Kalifa, Les noms d'époque. De "Restauration" à "années de plomb", Paris, Gallimard, Bibliothèque des Histoires, 2020, 349, (ISBN 978-2-07-276383-0), 27-54
  4. Espace Français