Co-chomharran: 57°04′30″N 5°35′33″W / 57.074969°N 5.592556°W / 57.074969; -5.592556

’S e beinn ann an Cnòideart air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Ladhar Bheinn. Tha e 1,020 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. 'S e a' bheinn as àirde ann an Cnòideart, agus a' Bheinn Rothaich as fhaide siar air an tìr-mhòr. Tha e suidhichte eadar Loch Shubhairne, Loch Nibheis agus Linne Shlèite. Chìthear e gu soilleir ann an cruth còin bho Shlèite anns an Eilean Sgitheanach. Tha e cumanta an druim an iar-thuath sin a ruigsinn aig an Dìollaid ma dhìrichear e bho Inbhir Aoidhe agus an iar-dheas[1]. Tha e cuideachd cumanta a shreap bho Gleann an Dubh-Lochain agus Inbhir Aoidhe. Tha druim an iar-thuath a’ crìochnachadh aig mullach de 848 m. Bho sin tha cothrom ann cromadh gu Màm Barasdail, air neo air Stob a’ Chearcaill agus druim an ear-thuath. Tha an rathad seo nas duilghe na rathaidean eile leis cho cas is creagach is a tha an druim seo. Chan eil ceumannan soilleir ann ach air an druim fhèin agus anns na glinn. Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Linne Shlèite agus an Eilean Sgitheanach, Loch Shubhairne, Barasdal, beanntan Chnòideirt, Chinn Tàile agus fiù ’s Beinn Nibheis.

Ladhar Bheinn

Ladhar Bheinn, sealladh bho Loch Shubhairne
Àirde (m) 1,020
Àirde (tr) 3,350
Àirde rinneach (m) 795
air liosta Munro
Suidheachadh
Ladhar Bheinn is located in Alba
Ladhar Bheinn
Ladhar Bheinn (Alba)
Suidheachadh Cnòideart
Mapa cumadh-tìre OS 33
Comharradh-clèithe NG823039

Iomraidhean deasaich

  1. Walk Highlands [1]

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: