La Araucana
Cogadh Arauca
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Alonso de Ercilla y Zúñiga
Bliadhna Foillseachaidh 1569, 1578 agus 1589
Cànan Spàinntis
Dùthaich An Spàinn
Gnè-sgrìobhaidh Dàn-mòr on Aois an Òir
Cuspair Bàrdachd eachdraidheil
Suidhichte An t-Sile

'S e dàn-mòr eachdraidheil Spàinntis, on Aois an Òir air a sgrìobhadh le Alonso de Ercilla y Zúñiga[1] 's th' ann an La Araucana (Gàidhlig: Cogadh Arauca). Chaidh fhoillseachadh ann an trì earrainnean ann an 1569, 1578 agus 1589 ann am Madrid.[2] Suidhichte ann an ceann a deas na Sile, 's e sgeulachd ann an comhardadh a dh'innseas mar a thug na Spàinntich ionnsaigh air na Mapuche ann an sgìre air an robh Arauca, anns an 16mh Linn. Thug Cervantes iomradh air an dàn-mòr seo ann an dà nobhail sgrìobh e, La Galatea (1585) agus Don Quijote (1605). A bharrachd air sin, bha Voltaire fhèin dhen bheachd gu robh La Araucana nas fhèarr na an Illiad le Homer ann an dòigh, ged a bha Ercilla caran stròdhail.[3]

Co-theacsa Eachdraidheil deasaich

A rèir an ùghdair fhèin, a bha an sàs anns a' Chogadh, bha an dàn-mòr seo air a sgrìobhadh fhad 's a bha Ercilla na Àrd Oifigear thall san t-Sile agus gur e sgrathan crainn a chleachd e ris gu robh gainnead phàipeir ann. B'e gu robh Ercilla, seann ghille-freastail Filip II, mòran nas foghlaimte na mòr-chuid nan Ceannsaichean. Chaidh e gu ruige na Sile mar bhall feachd neartachaidh fo Gharcía Hurtado de Mendoza, Riaghladair na Sile agus Iar-rìgh Pearu.

Stoidhl deasaich

Mar a leughar san leabhar, 's àbhaist dhan aithriseach – Ercilla fhèin – pàirt a ghabail san stoiridh mar shaighdear, rud nach robh idir cho àbhaisteach ann am litreachas aig an àm. 'S e an Ottava Rima an sèorsa mheatrachd a chithear ann - b' ainneamh a chleachadar sin ann an Spàinntis gu ruige Camilo José Cela san 20mh Linn - a tha a' toirt dhuinn stròfaichean le ochd loighne ann am pàtran ABABABCC:

Caciques, del Estado defensores, (A)[4]
codicia de mandar no me convida (B)
a pesarme de veros pretensores (A)
de cosa que a mí tanto era debida; (B)
porque, según mi edad, ya veis, señores, (A)
que estoy al otro mundo de partida; (B)
más el amor que siempre, os he mostrado, (C)
a bien aconsejaros me ha incitado. (C)

Iomraidhean deasaich

  1. Jerónimo de Vivar, S.P., (1987), Crónica y relación copiosa y verdadera de los reinos de Chile, Fondo Histórico y Bibliográfico José Toribio Medina, Santiago.
  2. Quint, David (1992). Epic and Empire. Politics and Generic Form from Virgil to Milton, Oilthigh Phrinceton, Jersey Nuadh, PUP.
  3. Voltaire, « Chapitre VIII. Don Alonso de Ercilla », dans Essai sur la poésie épique : Lettres sur les inconvénients attachés à la littérature, Paris, Lambert, 1751.
  4. Gàidhlig: Cinn-fheadhna, luchd-dìon na stàite, chan e miann na cumhachd a dh'iarr mi, 's mi fo bhron gur faicinn tagrairean, rud a bu chòir a bhith agam, oir, a rèir m'aoise, chì sibh, dhaoine uaisle, 's mi air saoghal eile fhàgail, ach an gaol a chaoidh, a bha agam oirbh, rim chomhairle a thoirt dhaibhse.