Is e lèine ball aodach dèanta às anairt, cotan neo clò min eile. Caithte thar an craiceann is e eudadh coluinn a tha ann, gu h-àbhaisteach le muinchillean fada.

Lèine anns an stoidhle oifigeil

Nochdaidh lèine ann an caochladh òrain, mar ìomhaigh de soirbhicheas neo de mulaid.

Mar eisimpleir, ann an òran aig Runrig Fada bho Abhainn an t-Saoghail , tha an lèine a nochdadh mar ìomhaigh de soirbhicheas (an saoghal nan Gall). Le na facail "Fhuair mi mo lèine" tha fear an òrain a' ciallachadh gun do choisinn e beò-shlàinte freagarrach dha fhèin.

Ann an òran torr nas sine, chumhach bhon 18mh cheud, rinnte as deidh Bliadhna Theàrlaich a thoiseachas "Ó a Theàrlaich Óg Stiùbhart...." cleachdar an lèine mar ìomhaigh de bhrònas anns an t-srann "Ged nach fhàgadh tu agam ach mo lèine"[1]

Iomraidhean deasaich