'S e tachartas a tha a' comharrachadh cur às do thràilleachd anns na Stàitean Aonaichte a tha ann an Juneteenth.

Ashton Villa ann an Galveston, far an do dh'èigheadh cur às do thràilleachd ann an Texas.

Chaidh tràillean air feadh na Stàitean Aonaichte a mhansapaideachadh tro 13mh atharrachadh ri bun-reachd nan Stàitean Aonaichte ann an 1863, ach cha do shaoradh iad anns na Stàitean Co-fheadarail ann an ceann a deas mus deach feachdan nàiseanta ann an Galveston 19 an t-Ògmhios 1865 is iad a' leughadh Òrdan Coitcheann àireamh 3.[1]

"The people of Texas are informed that, in accordance with a proclamation from the Executive of the United States, all slaves are free."

Chaidh 19 t-Ògmhios na shaor-là ann an Texas o 1980.[2] Tha 45 stàitean air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Washington, D.C. a' comharrachadh Juneteenth mar shaor-là ach chan e saor-là nàiseanta a th' ann.[3]

Tha Sheila Jackson Lee, ball mòr-dhàil nan Stàitean Aonaichte airson Texas, air bile airson Juneteenth a bhith na shaor-là nàiseanta a thoirt a-steach.[4]

Iomraidhean deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. The Historical Legacy of Juneteenth”. National Museum of African American History and Culture. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2020.
  2. Juneteenth”. Texas State Library and Archives Commission. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2020.
  3. Juneteenth State Holiday Legislation”. National Juneteenth Observance Foundation. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2020.
  4. Waxman, Olivia B.: “Activists Are Pushing to Make Juneteenth a National Holiday. Here’s the History Behind Their Fight”, Time. 17mh dhen Ògmhios 2020. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2020.