'S e neach-poileataigs, neach-aithris agus eòlaiche-eaconomaidh à Coloimbia. a th’ ann Juan Manuel Santos Calderón. Rugadh e air an 10mh latha dhen Lùnasdal 1951 ann am Bogotá. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bhon an 7mh latha dhen Lùnastal 2010 gu 2018. An dèidh a bhith an sàs anns na meadhanan thòisich e ann an saoghal poilitigeach mar bhall a’ Phàirtidh Libearalach is bha e os cionn ministrealachd na Malairt Eadar-nàiseanta fo Chésar Gaviria. An uair sin leig e am Pàrtaidh Libearalach is chaidh e dha na Tòraidh fo Andrés Pastrana Arango is e na Mhinistear a’ Mhaoineachaidh. Dh’fhàsadh e na bu treasa is na bu treasa am broinn an Riaghaltais aig Álvaro Uribe, a ghabh thairis a’ chinneas ann an 2002, Chuir e na Libearalaich ris a chùlaibh gu tur agus bha còmhla ris an fheadhainn a stèidhich Pàrtaidh an Aonaidh Nàiseanta (Spàinntis: Partido Social de Unidad Nacional). Chaidh e ainmeachadh mar Mhinistear an Dìona ri linne an Riaghaltais aig Uribe bhon Iuchar 2006 gu ruige Chèitein 2009.

Juan Manuel Santos Calderón
Minister of Finance and Public Credit (en) Translate

18 dhen Iuchar 2000 - 7 dhen Lùnastal 2002
Minister of Defense of Colombia (en) Translate

19 dhen Iuchar 2006 - 18 dhen Chèitean 2009
Camilo Ospina Bernal (en) Translate - Freddy Padilla de León (en) Translate
32. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 2010 - 7 dhen Lùnastal 2018
Álvaro Uribe - Iván Duque
Beatha
Breith Bogotá, 10 dhen Lùnastal 1951
Dùthaich  Coloimbia
Ciad chànan Spàinntis
Teaghlach
Athair Enrique Santos Castillo
Cèile María Clemencia Rodríguez Múnera (en) Translate  (1987 -
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Kansas
The Fletcher School of Law and Diplomacy (en) Translate
Kansas State University (en) Translate
Oilthigh Tufts
Sgoil na h-Eaconamachd Lunnainn
John F. Kennedy School of Government (en) Translate
Colegio inediluz (en) Translate
Cànain Spàinntis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, neach-naidheachd, eaconamaiche agus neach-lagha
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Social Party of National Unity (en) Translate
Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
IMDb nm4441006
juanmanuelsantos.com

Teaghlach deasaich

Buinidh e do na Santos, teaghlach a tha air buaidh mhòr a thoirt air eachdraidh na dùthcha. ‘S e am fear-naidheachd Enrique Santos Montejo, far-ainm "Calibán", a bh' ann a sheanair agus b’ e bràthair a sheanair, Eduardo Santos, na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1938 agus 1942, is bha e os cionn a’ pàipeir-naidheachd El Tiempo cuideachd.[1] ‘S e co-ogha Francisco Santos Calderón, seann leas cheann-suidhe Choloimbia, a th’ann co-dhiù. Tha Santos pòsta le María Clemencia Rodríguez de Santos agus tha triùir daoine-chloinne aca, María Antonia, Martín agus Esteban.[2]

Foghlam deasaich

Thug Juan Manuel Santos ceum ann an eaconomaidh agus rianachd ghnothaichean aig an Oilthigh Kansas, anns na Stàitean Aonaichte. An uair sin fhuair e maighstireachd ann an Eaconomachd agus Leasachadh Eaconamach aig an LSE ann an Lunnainn agus maighstireachd eile ann an Rianachd Phoblach aig an Oilthigh Harvard.

A bharrachd air sin, fhuair e tabhartas bhon a’ Bhuidhne Fulbright aig Sgoil Fletcher an Lagha agus na Dioplòmasachd aig an Oilthigh Tufts, agus tabhartas eile bhon a’ Bhuidhne Nieman airson Naidheachdais aig Oilthigh Harvard. Tha e air dotaireachd Honoris Causa ann an Lagh fhaighinn cuideachd.

Poileataigs deasaich

Ann an 2016, mu dheireadh thall, chuir na FARC agus Juan Manuel Santos Calderón—ceann-suidhe na dùthcha—ainmean gu còrdadh na Sìthe agus bhuannaich Santos Calderón Duais Nobel airson Sìthe air a shon-sa.

Iomraidhean deasaich

  1. Cambio, "Pretenden sacarme del juego político"
  2. msn.com Colombia: La Madre y la Política, María Clemencia Rodríguez de Santos
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: