B’ e José Manuel Marroquín Ricaurte (Bogotá 6mh an Lùnasdal 1827 – Bogotà 19mh an t-Sultain 1908) ùghdair agus stàitire à Coloimbia, a bha na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1900 agus 1904.[1][2] Bhuineadh e dhan teaghlach neartmhor Ricaurte, agus bha a shinnsearan an sàs ann an sabaid airson na neo-eisimeileachd. ‘S e ball a’ Phàirtidh Tòraidh a bh' ann.

José Manuel Marroquín
Ceann-suidhe Choloimbia

31 dhen Iuchar 1900 - 7 dhen Lùnastal 1904
Manuel Antonio Sanclemente - Rafael Reyes
Beatha
Breith Bogotá, 6 dhen Lùnastal 1827
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 19 dhen t-Sultain 1908
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam St. Bartholomew Major College (en) Translate
Major Seminary of Bogotá (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus neach-lagha
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Oideachadh agus Leabhraichean deasaich

Bha e ar a bhith an sàs ann an saoghal na sgoilearachd, ann an caochladh dhòigh, dìreach bhon na làithean òga aige. Chuidich e ri mòran phàipear-naidheachd; Sgrìobh e nithean oideachail an leabhar air speiligeadh Spàinntis «Tratado completo de ortografía castellana» (Bogotá, 1858) nam measg. Thuirt an sgoilear ainmeil Spàinnteach Juan Eugenio Hartzenbusch gur e "sàr obair" a bh’ann. A bharrachd air sin, sgrìobh e artaigilean air cleachdaidhean, litreachas, feallsanachd agus eòlas-chànan; rannsachadh beath-eachdraidheil agus eachdraidheil fhèin is tòrr bhàrdachd Shunndach. Tha an obair ris an canar «La Perrilla» (A’ Ghalla Bheag) gu math cliùiteach fhathast. Fhuair e deagh chliù airson an sàr nobhail aige «El Moro» (An t-Arabach), is thathar ag ràdh gur e obair phròiseil, taobh litreachais, gus an latha an-diugh.

Ceann-suidhe na Dùthcha deasaich

Chaidh e a thaghadh mar iar-cheann-suidhe anns na taghaidhean dhe 1898, fon bhodach Manuel Antonio Sanclemente, ceannard nan Tòraidh aig an àm; Bha e os cionn an Riaghaltais rè trì mìosan leis nach b’ urrainn dha Sanclemente a dhol gu Bogotá airson an dreuchd a thoirt os làimhe. An uair sin stiùir e ar-a-mach an aghaidh nan Tòraidh smachdail, is chuir e às do Shanclemente is le sin stiùireadh esan an dùthaich eadar 1900 agus 1904; Chrìochnaich Cogadh na Mìle Làithean agus fhuair Panama a chuid neo-eisimeileachd nuair a bha Marroquín os cionn an Riaghaltais.

B’ fheudar dhan riaghaltas aige a ghabhail air feachdan guerrilla anns gach uile oisean na dùthcha, gu seach àraidh air Oirthir a’ Chuain Siar agus ann am Panama, far an d’ fhuair na Reubaltaich taic bho shaighdearan coigreach a ràinig bho Niocaragua, A' Bheiniseala agus Eacuador.

Call Panama deasaich

Ghabh na Stàitean Aonaichte fàth air suidheachadh do-riaghlach na dùthcha aig àm Cogadh na Mìle Làithean airson còrdadh a leigeil, a tug còirichean air Panama dhuibh, gus canàl a thogail eadar an dà chuan. ‘S e Còrdadh Herrán–Hay a bha air, is thug e pìos fhearainn dhe 5 km ri gach taobh a’ chanàil agus smachd air Oirthir na dùthcha seachad dha na Stàitean Aonaichte.

Chuir an Riaghaltas aig Marroquín a chuid taic chun a’ chòrdaidh ach dhiùlt an Còmhdhail e. Chuir sin an fhearg air Riaghaltas na Stàitean Aonaichte agus cho-dhùin iad taic a thoirt dha Panama gus a chuid neo-eisimeileachd fhaighinn. Ghairm iad neo-eisimeileachd oifigeil na Caolais air an t-Samhain 1903, tro litir a leig fios chun an Riaghaltais ann am Bogotá. A bharrachd air sin, chuir iad soithichean cogaidh chun na dùthcha ùr sin airson ionnsaighean armachd bho Choloimbia a sheachnadh. Fhreagair Marroquín dhan chàineadh a fhuair e air sàilleabh gun do chaill e Panama mar a leanas: "Dè a tha sibh ag iarraidh? Fhuair mi aon phoblachd ach cuiridh mi dà air ais dhaibh."

Foghlam deasaich

Leasaich an Riaghaltas aig Marroquín siostam foghlam na dùthcha, tron lagh àireamh 39 dhen 26mh latha an Dàmhair 1903. Chaidh an siostam a sgaradh eadar na sgoiltean is na oilthighean, agus chaidh na sgoiltean a sgaradh eadar ceithir roinnean: bun-sgoiltean, sgoiltean àrd-ìre, agus na colaistean proifeiseanta, gnìomhachail agus ealanta.

Iomraidhean deasaich

  1. Oifis a' Chinn-suidhe
  2. Leabharlann Luis Angel Arango