B' e neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Jón Magnússon.[1] Rugadh e air 16 am Faoilleach 1859 faisg air Grenjaðarstaður (Norðurland eystra), mac sagairt on dùthaich.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen. Bu dlùth an dàimh a bh' ann eadar Magnússon agus a mheantor Hafstein. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1902 agus bha e na labhraiche eadar 1912 gu agus 1913. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1917 agus 1920 airson Heimastjórnarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh) agus an uair sin bho 1924 gu ruige 1926 às leth Íhaldsflokkurinn. B' e Magnússon a' chiad fhorsætisráðherra Innse Tìle mar dhùthaich neo-eisimeileach. Bha e na labhraiche an Alþingi roimhe, bho 1913 gu ruige 1914. Bha e pòsta aig Þóra Jónsdóttir agus thogail iad taigh gu math eireachdail aig Hverfisgata 21 ann am meadhan Reykjavík, a tha na thaigh-òsta an latha an-diugh. Chaochail e ann an Neskaupstaður air 23 an t-Ògmhios 1926.

Jón Magnússon
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

4 dhen Fhaoilleach 1917 - 7 dhen Mhàrt 1922
Einar Arnórsson - Sigurður Eggerz
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

22 dhen Mhàrt 1924 - 23 dhen Ògmhios 1926
Sigurður Eggerz - Magnús Guðmundsson
Beatha
Breith Norðurland eystra, 16 dhen Fhaoilleach 1859
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs Neskaupstaður, 23 dhen Ògmhios 1926
Foghlam
Foghlam Oilthigh Copenhagen
Oilthigh Innis Tìle
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Íhaldsflokkurinn
Heimastjórnarflokkurinn

Caibineit Mhagnússon deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Alþingi
  2. Morgunblaðið

Ceanglaichean a-mach deasaich

Ro-theachdair:
Einar Arnórsson
(1917)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Sigurður Eggerz
(1920)
Ro-theachdair:
Sigurður Eggerz
(1924)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Magnús Guðmundsson
(1926)