B' e saighdear, neach-poileataigs, riochdaire dioplòmasach, deachdaire Faisisteach agus eucoireach-cogaidh à Romàinia a bh' ann an Ion Victor Antonescu (IPA: i'on antoˈnesku, Pitești, 15 an t-Ògmhios 1882 - Jilava, 1 an t-Ògmhios 1946).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach iar-fhlaitheach armailteach - bha athair na oifigear san arm roimh. Dhealaich a phàrantan nuair a bha e na phàisd agus phòs athair ri tè Iùdhach air an robh Frieda Kuppermann.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig acadamaidhean armailteach ann an Craiova, Târgoviște agus san Fraing. Dh'fhulaingeadh Antonescu leis a' bhreac-Fhrangach fad a bheatha.[3] Bha e an sàs ann an iomairt an airm an aghaidh Ar-a-mach Luchd na Tuatha ann an 1909 agus thug esan ionnsaigh air Sòisealaich ann an Galați. B' e Antonescu a dhealbhaich plana-dìona Bhucharest aig àm A' Chogaidh Mhòir an an 1916. Bha fuath is gràin aige air Iùdhaich agus Daoine Rroma agus fhuair iad seo fìor dhroch làimhseachadh bhuaithe fhad 's a bha esan os cionn an Riaghaltais. Dh' fhosgaladh campaichean-losgaidh agus dhèanadh murt orra, fiù's mus dh'iarr Hitler air Romàinia gun gabhadh iad ri Uile-losgadh Nàsach nan Iùdhach agus nan Rroma.[4] Thuirt Hannah Arendt gu robh Antonescu a-riamh ceum air adhart air Hitler. Aig deireadh An Dàrna Chogaidh chaidh a dhìteadh agus a chur gu bàs ann an Jilava air an t-Ògmhios 1946 airson an uilc a rinn e.[5]

Ion Antonescu
Minister of Foreign Affairs of Romania (en) Translate


Chief of the Romanian General Staff (en) Translate

1 dhen Dùbhlachd 1933 - 11 dhen Dùbhlachd 1934
Constantin Lăzărescu (en) Translate - Nicolae Samsonovici (en) Translate
43. Prìomh-mhinistear Romàinia

5 dhen t-Sultain 1940 - 23 dhen Lùnastal 1944
Ion Gigurtu (en) Translate - Constantin Sănătescu (en) Translate
Beatha
Breith Pitești, 14 dhen Ògmhios 1882
Dùthaich  Romàinia
Bàs Jilava, 1 dhen Ògmhios 1946
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (leòn peileir)
Teaghlach
Cèile Maria Antonescu (en) Translate
Foghlam
Foghlam École Spéciale Militaire de Saint-Cyr (en) Translate
Cànain Romàinis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, luchd an airm agus dioplomat
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Meur an airm Feachdan na Tìre aig Romàinia
Ìre marasgal
Strì An Cogadh Mòr
1907 Romanian Peasants' Revolt (en) Translate
Second Balkan War (en) Translate
Hungarian-Czechoslovak-România War (en) Translate
An Dàrna Cogadh
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach neach-poileataigs neo-eisimeileach

Ceanglaichean a-muigh deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Duțu, A., Dobre, F., Antonescu și generalii români. Un război surd și ciudat, 1999.
  2. Scafes C., Șerbănescu H., Scafes I., Andonie C., Dănilă I., Avram R., Armata română, 1941 - 1945, Editura R.A.I., 1996.
  3. Ancel, Jean "Antonescu and the Jews", The Holocaust and History The Known, the Unknown, the Disputed and the Reexamined, Bloomington: Indiana University Press, 1998.
  4. Arendt, H, (1963), Eichmann in Jerusalem: A Report on the Banality of Evil, Viking Press, Eabhraig Nuadh.
  5. Raul Hilberg, La Destruction des Juifs d'Europe, tome 1, Foliohistoire, 2006. Quid, 2000.