B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Iain Ruadh Stiùbhart (1700-52). Rugadh e ann an Cinn a' Chàrdainn. Fhuair e foghlam math gu leòr, agus an uair sin fhuair e coimisean ann an Rèisimeid nan Royal Scots Greys. Chaidh a chur an greim mar neach-brathaidh Seumasach, ach theich e dhan Fhraing, far an robh e an sàs ann am Blàr Fontenoy (Battle of Fontenoy), is esan a' sabaid an aghaidh nam Breatannach. Ann am Bliadhna Theàrlaich, bha na àrd-oifigear, os cionn Rèisimeid Dhùn Èideann as leth a' Phrionnsa. Às dèidh Blàr Chùil Lodair, bhris e adhbrann, ach sheachain e saighdearan an riaghaltais a bha an tòir air. Às dèidh greis, dh'fhalbh e còmhla ris a' Phrionnsa dhan Fhraing. 'S e duine uasal a bh' ann, agus saighdear math dìleas. Tha e ainmeil a-nis airson nan dàn a sgrìobh e mu dheidhinn Blàr Chùil Lodair, nam measg "Latha Chùil Lodair".

Iain Ruadh Stiùbhart
oifigear

Beatha
Breith Ceann Chàrdainn, 1700
Dùthaich  Alba
Bàs 1752
Dreuchd
Dreuchd oifigear, sgrìobhadair agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd
Seirbheis san arm
Strì Blàr Chùil Lodair
Blàr na h-Eaglaise Brice
Blàr Sliabh a' Chlamhain
Arrabhaig Sliabh Clifton

Dàin deasaich

  • Clann Chatain an t-Sròil: An Lasair d.164-173
  • Litir Iain Ruaidh le Barabal Fhriseal: An Lasair
  • Ùrnaigh Iain Ruaidh: An Lasair d.180-181

Iomraidhean deasaich

  • Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)

Ceanglaichean a-mach deasaich