B' e ollamh agus cànanaiche Albannach a bh' ann an Iain Friseal (1882-1945). Bha e na h-àrd-ollamh aig Oilthigh Oxford agus bha ùidh shònraichte aige ann an cànanachas-coimeis, seann chànanan Ceilteach, agus na Cruithnich.

Iain Friseal
Jesus Professor of Celtic (en) Translate

1921 - 1945
John Rhys (en) Translate - Idris Foster (en) Translate
Beatha
Breith Inbhir Nis, 1882
Dùthaich  Alba
Bàs 18 dhen Chèitean 1945
Foghlam
Foghlam Colaiste na Trianaide
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd Celticist (en) Translate agus ollamh
Fastaichean Oilthigh Oxford
Oilthigh Obar Dheathain

Beatha deasaich

Rugadh e ann an Inbhir Nis agus chaidh a thogail ann an Loch leitir, ann an Gleann Urchardan. Bha Gàidhlig aig a phàrantan agus aig Iain Friseal fhèin bho thùs. Fhuair e oideachadh aig Oilthigh Obair Dheathain an toiseach (Laideann, Greugais), agus as dèidh sin aig Oilthigh Chambridge agus aig Oilthigh Jena. Ann an 1927, phòs e Frances Galloway Mordaunt. Chaochail e air 15 An Cèitean 1945.

Obair anns na h-oilthighean deasaich

An toiseach, fhuair e obair aig Oilthigh Obair Dheathain. Anns na bliadhnachan seo, ro àm a' chiad chogaidh, bha clas Gàidhlig aige an an Colaisde an Luchd-teagaisg, oir cha robh a' Ghàidhlig an uair sin air a teagasg anns an Oilthigh.[1]

Ann an 1921, fhuair e dreuchd aig Oilthigh Oxford mar àrd-ollamh nan cànanan Ceilteach, agus dh'fhuirich e ann an Oxford gu deireadh a bheatha.

Obair acadaimigeach deasaich

  • Phrygian Studies, Transactions of the Cambridge Philological Society VI, 1913
  • "The Relative Clause in Scottish Gaelic," Celtic Review
  • "The Language of the Fernaig MS," Scottish Gaelic Studies
  • "History and Etymology"
  • "The Question of the Picts"

Ceanglaichean a-muigh deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Ruaraidh MacThòmais, "An t-Àrd Ollamh Iain Friseal," Gairm 77 (An Geamhradh 1971) d. 42-48.